Sgoil Ghàidhlig a' tighinn nas tràithe don Ghearasdan

An Gearasdan Image copyright Other
Image caption Tha prògram ann airson ceithir sgoiltean a thogail san sgìre

Is coltach gun tèid sgoil Ghàidhlig ùr fhosgladh anns a' Ghearasdan nas tràithe na bha dùil.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil gum biodh i deiseil airson na bliadhna 2016 -17.

Ach cluinnidh comhairlichean an t-seachdain seo gum bu chòir sin a thoirt air adhart bliadhna, seach gum biodh e na bu shaoire.

Thèid sgoil Ghàidhlig a thogail sa Ghearasdan mar phàirt de phrògram togail airson ceithir sgoiltean san sgìre.

Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Bidh bun-sgoil Bheurla ùr ann am baile a' Ghearasdain fhèin air tè dhiubh sin.

Bidh cuideachd dà sgoil ùr anns a' Chaol.

Aig an ìre seo thathas ag amas gum biodh sgoil Bheurla ùr a' Ghearasdain deiseil ann an 2013-14, agus sgoiltean ùra a' Chaoil ann an 2015-16.

'S i an sgoil Ghàidhlig an tè mu dheireadh, a dheadh a thogail ann an 2016-17.

Thathas a-nise ge-tà, a' moladh gun tèid an sgoil Ghàidhlig a thogail bliadhna nas tràithe, gus am biodh cosgaisean a' phròiseict nas ìsle.

Fo na thathas a' moladh a-nise, dheadh sgoil Bheurla ùr a' Ghearasdain a chur air ais beagan, agus na trì sgoiltean eile gan togail nas tràithe, agus an sgoil Ghàidhlig deiseil ann an 2015-16.

Bidh Comataidh an Fhoghlaim cuideachd a' bruidhinn air sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh, ged nach eil fhios aig an ìre seo cuin a thèid sin a thogail.

Chan eil am maoineachadh aig a' Chomhairle fhathast airson sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, agus ri linn sin, chan urrainn dhaibh a cur a-steach gu prògram calpa sam bith.

Thèid iarraidh air buill na comataidh an t-seachdain seo ge-tà, beachdachadh air an làrach air an deadh an sgoil sin a thogail.

Bha buill air aontachadh ron a seo gur ann air làrach Ostail Màiread Carnegie a dheadh a togail.

Ach tha feadhainn sa choimhearsnachd a' moladh gum bu chòir coimhead ri làrach Ostail Eilginn sa bhaile, agus iarraidh oifigearan cead air buill na comataidh coimhead ris an làraich sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile