Corp ga lorg ann am bun Abhainn Nis

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis ag ràdh gu bheil iad fhathast a' feuchainn ri dearbhadh cò e an duine a fhuaireadh marbh aig beul Abhainn Nis madainn Disathairne.

Chaidh fios thuca mu mheadhan oidhche Dihaoine gun robh cuideigin air corp fhaicinn san uisge.

Thuirt na Poilis ge-tà, nach e corp Alan Watson, a th' air a bhith a dhìth agus dùil gun deach e dhan abhainn air 23mh an Gearran.

Tha na Poilis fhathast ga shireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile