Airgead Mhic a' Mhaoilein

Buidheann Aillse Mhic a' Mhaoilein
Image caption Chaidh cha mhòr £100,000 a chruinneachadh le meur Leòdhais dhen bhuidhinn an-uiridh

Chaidh barrachd airgid a chruinneachadh le meur Leòdhais de Bhuidhinn Taic Aillse Mhic a' Mhaoilein an-uiridh na ann an àite sam bith eile ann an Alba.

Bha na chruinnich iad ann an 2011 dìreach beagan notaichean gann air £100,000.

Chaidh taigh fhàgail aig a' bhuidhinn ann an tiomnadh agus chaidh aca air sin a reic.

Ceann-bliadhna sònraichte

Thuirt Agnes NicLeòid bho chomataidh Leòdhais dhen bhuidhinn gun deach oidhirp shònraichte a dhèanamh an-uiridh le luchd-taic na buidhne 's ceud bliadhna ann bho chaidh a stèidheachadh.

"Tha sinn gu math taingeil dhan t-sluagh mar a bha iad gar cuideachadh bhon fheadhainn a b' aosta chun an fheadhainn a b'òige. Gu math tric cuiridh e iongnadh ort nuair a chì thu feadhainn òg a' tighinn 's iad a' toirt seachad nan sgillinnean a bh' aca nam pocaid," thuirt i.

Bidh a' chomataidh ionadail a' cur air dòigh sreath thachartasan air feadh na bliadhna airson airgead a thoirt a-steach.

Tha iad cuideachd air a bhith a' faighinn airgid anns an dà bhliadhna mu dheireadh bhon rallaidh chàraichean a tha ga chumail ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Agnes NicLeòid, ged 's e comataidh an ìre mhath beag a th' annta, gu bheil mòran anns a' choimhearsnachd a tha deònach an cuideachadh le tachartasan sònraichte.

Bidh an t-airgead a thèid a chruinneachadh anns na h-Eileanan cuideachd ga chosg anns an sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile