Obair air stòras ùr an Dùnrath

Ionad Dhùnrath Image copyright PA
Image caption Cosgaidh an obair gus an stòras a chruthachadh £100m.

Thòisich obair gus stòras ùr niùclasach fon talamh a chruthachadh ann an Dùnrath.

Bidh àite san stòras son 240,000 tonnaichean de sgudal niùclasach a tha aig ìre ìosal de chunnart.

'S e leithid pàipear, seann innealan, agus aodach a bhios air an stòradh ann.

Bidh sia roinnean san stòras aig a' cheann thall, gach fear cho mòr ri pàirce ball-coise agus le doimhneachd de 20 meatair.

'S iad a' chompanaidh Graham Construction a bhios os cionn na h-obrach.

Cosgaidh an obair £100m.