Taic làidir son aiseag a Mhalaig

Cidhe Mhalaig
Image caption Tha an Riaghaltas a' dèanamh ath-sgrùdaidh an dràsta air seirbheisean aiseig

Nochd sluagh mòr aig coinneimh ann an Uibhist a Deas oidhche Dhihaoine a bheachdachadh air an ath-cheum anns an iomairt seirbheis aiseig fhaighinn air an t-slighe eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh le Stòras Uibhist, a tha gu làidir dhen bheachd gum biodh seirbheis dha leithid na buannachd mhòr dhan choimhearsnachd.

Bha 200 an làthair aig a' choinneimh, 's coltas ann gu robh iad uile a' cur taic ris a' bheachd sin.

Nochd beachd an t-seachdainn a chaidh ge-tà nach biodh seirbheis a Mhalaig freagarrach airson croitearan a bha airson stoc a ghluasad leis gu bheil trì drochaidean ìosal air an rathad dhan Ghearasdan tron nach fhaodadh làraidhean mòr a dhol.

Thuirt Dòmhnall Moireasdan bho United Auctions gur ann a dhèanadh seirbheis a Mhalaig cron air obair an fhearainn ann an Uibhist.

Cha do ghabh Probhaist Loch Abair, Ailean MacEanraig ris an sin ge-tà 's e ag radh gu robh cuid de chompanaidhean mar-thà a' tòiseachadh a' cleachdadh làraidhean a gheibh fon na drochaidean sin.

Ath-sgrùdadh nan aiseagan

Chuir ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba ìmpidh air an fheadhainn a tha ag iarraidh na seirbheis fios a chuir chun an Riaghaltais a tha an dràsta a' dèanamh ath-sgrùdaidh air seirbheisean aiseig.

Thuirt Alasdair Allan gu robh e air a bheachd fhèin a dhèanamh soilleir, agus gum bu chòir do mhuinntir na coimhearsnachd pàirt a ghabhail anns a' cho-chomhairleachadh cuideachd.

Nochd beachd cuideachd gum bu chòir coimhead ris an dòigh anns a bheil Caledonian Mac a' Bhruthainn air a mhaoineachadh feuch an gabhadh airgead a lorg an sin airson a chosg air an t-seirbheis ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile