Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Lloyds

Bha call de £3.5bn ro chìsean air Buidheann Bancaireachd Lloyds ann an 2011. Buinnidh còrr is an treas cuid den bhanca do luchd-pàighidh nan cìsean an dèidh dhan Riaghaltas cobhair a dhèanamh orra le airgead stàite. 'S e gum b'fheudar dhan bhanca airgead a thoirt do dhaoine dhan deach àrachas a reic air nach robh feum aca as motha a chuir ris a' chall.

Eric Joyce

Tha am Ball-Pàrlamaid Làbarach, Eric Joyce, fo chasaid an dèidh sabaid aig taigh-seinnse aig Taigh nan Cumantan oidhche Chiadain. Tha trì chasaidean an aghaidh Mhgr Joyce, Ball na h-Eaglaise Brice. Chaidh a shaoradh air urras, agus thèid e mu choinneimh na cùirte a-rithist an ceann cola-deug. Agus tha e air tighinn am follais gur e ceannard nan Làbarach air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Ed Miliband, a chuir casg bhon phàrtaidh air Mgr Joyce, agus nach i an ceannard Albannach, Johann Lamont, a bu chòir, a rèir choltais, a bhith os cionn gach buill-phàrlamaid Làbaraich ann an Dùn Èideann agus aig Westminster.

Christopher Tappin

Thèid fear à Kent a chur gu ruige nan Stàitean Aonaichte an-diugh fo chasaid gun do reic e uidheamachd airson urchairean ri Ioran. Thuirt Christopher Tappin, fear-gnothaich a th' air a dhreuchd a leigeil dheth, gu bheil esan neo-chiontach agus gu bheil an FBI ri cuilbheart na aghaidh.

Siria

Tha riochdairean à seachd dùthchannan, le Breatainn, na Stàitean Aonaichte agus dùthchannan Arabach nam measg a' coinneachadh ann an Tunisia feasgar an-diugh, a dheasbad na h-èiginn ann an Siria. Tha dùil gun iarr iad air Riaghaltas Siria buidhnean cobhair a leigeil dha na sgìrean air a bheil feachdan an riaghaltais an sin a' toirt ionnsaigh.

Bradan na h-Alba

Bha prothaidean ro chìsean de £14.4m aig a' chompanaidh àrach-èisg Bradan na h-Alba ann an 2011. Tha sin sìos ge-tà bho £22m ann an 2010, agus iad ag ràdh gur e prìs àrd a' bhìdh as motha as coireach. Ach thuirt stiùirichean na companaidh gu bheil margaidh a' bhradain làidir an-dràsta, ged a bha cùisean doirbh dhaibh aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

A83

Dh'fhosgail rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal beagan na bu tràithe air a' mhadainn an-diugh. Chaidh a dhùnadh Diciadain an dèidh maoim-slèibhe. Bha an t-slighe eile a dh'fheumadh dràibhearan a ghabhail a' cur 26 ris an astar.