Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eric Joyce

Chaidh Ball-Pàrlamaid Làbarach na h-Eaglaise Brice, Eric Joyce, a chasg rè ùine bhon Phàrtaidh Làbarach 's e fo amharas gun tug e ionnsaigh air Ball-Pàrlamaid Tòraidheach ann an taigh-seinnse ann an Westminster an-raoir. Thuirt Stuart Andrew, Ball-Pàrlamaid sgìre Pudsey ann an Yorkshire, gu bheil e ag iarraidh casaidean a thogail an aghaidh Mhgr Joyce. Tha Mgr Joyce an grèim an-dràsta aig poilis ann an Lunnainn.

Banca Rìoghail na h-Alba

Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba gun robh call ro chìsean de £776m orra ann an 2011 - cha-mhòr a dhà uidhir 's a bh' orra de chall air a' bhliadhna ron a sin. Thuirt Àrd-oifigear a' bhanca, Stephen Hester, gu bheil e fìor thoilichte leis na h-àireamhan, a tha a' sealltainn gu bheil iad air thoiseach air na targaidean a chuir iad romhpa.

Iorac

Chaidh mu 50 duine a mharbhadh ann an sreath de dh'ionnsaighean boma ann an Iorac. Bha naoi de na h-ionnsaighean sin sa phrìomh bhaile Baghdad aig na h-amannan as trainge den mhadainn an-diugh.

Àird nam Murchan

Chaidh gealltainn gun tèid sanasachd a-mach a dh'aithghearr airson luchd-obrach meidigeach do sgìre Àird nam Murchan, gus am bi seirbheis èiginn slàinte aca cho math 's a th' aig sgìre sam bith eile. Dh'iarr Rùnaire na Slàinte, agus ceannard Sheirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba air muinntir taobh siar Àird nam Murchan an leisgeul a ghabhail nuair a choinnich iad an-dè, an dèidh mar a chaidh muinntir na sgìre fhàgail gun sheirbheis mheidigich èiginnich fad 24 uairean san là. Thàinig an t-seirbheis sin gu ceann Là na Sàbaid nuair a leig nurs na sgìre dhith a dreuchd.

RET

Bidh buill Làbarach a' moladh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh stad a chur air na planaichean airson cur às do sgeama RET nam faraidhean aiseig saora dha na h-Eileanan an Iar agus Colla agus Tiriodh. Bhiodh sin a' ciallachadh faraidhean gu math nas daoire do làraidhean bathair, agus tha luchd-iomairt ag ràdh gum feum rannsachadh a bhith ann air a' bhuaidh a bheireadh sin air na h-Eileanan. Agus ged a tha Ministear Còmhdhail na h-Alba ag ràdh gun tèid subsadaidh a chumail ris na faraidhean airson àrdachadh a chumail fo 50%, tha Làbaraich agus buill Chomhairle nan Eilean Siar am measg na tha ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

A82

Fiosrachadh a-niste a tha gu math cudromach do luchd-siubhail air taobh siar Rois. Le neart na gaoithe chaidh aiseag chàraichean agus luchd-siubhail an t-Sròim a chur dheth airson a' chòrr den là an-diugh, agus 's i a' chomhairle a tha ga toirt do dhràibhearan a dhol rathad an A82 no an A87.