A83 dùinte a-rithist

Rest and Be Thankful
Image caption Tha an 83 dùinte a-rithist aig an Rest and Be Thankful

Chaidh an A83 a dhùnadh aig an Rest and Be Thankful a-rithist agus dragh gum faodadh maoim-slèibhe a bhith ann.

Sheall uidheamachd gun robh ceist mu cho seasmhach 's a tha cliathaich na beinne.

Bha maoim-slèibhe bheag nas fhaide shuas a' bheinn, ged nach do ràining sprùilleach sam bith an rathad.

Thuirt Transerv gu bheil iad a' sgrùdadh a' ghnothaich agus gum bi an rathad dùinte fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Tha slighe eile ga comharrachadh do dhràibhearan air an A83 Dàil Mhàilidh - A85 Taigh an Droma - A82 Tairbeart Loch Laomainn.

Cuiridh sin 26 mìle ris an astar.

Chaidh an rathad a dhùnadh grunn thursan air sgàth mhaoimean-slèibhe anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh.

Chan eil ach cola-deug bho dh'fhoillsich Ministear na Còmdhail, Cè Brown, gun rachadh £1m a chosg ann an oidhirp an suidheachadh a leasachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile