Uisge air bacadh a chur air County

Pàirc Bhictoria
Image caption Chaidh an geama aig Pàirc Bhictoria oidhche Mhàirt a chur dheth.

Chaidh suidheachadh Ross County aig mullach na Ciad Lìge a neartachadh oidhche Mhàirt - gun sgioba Inbhir Pheofharain fiùs air ball a bhreabadh.

Chaidh an geama eadar County agus Morton a chur dheth anmoch air an là is uisge trom a' fàgail nach b'urrainn cluich air Pàirc Bhictoria.

'S e bristeadh-dùil a bha sin dha na Staggies, ach fhuair iad deagh naidheachd mar a chaidh an oidhche air adhart.

Chrìochnaich an dà sgioba as fhaisge orra san lìog - An Eaglais Bhreac agus Dùn Dè - an geama acasan co-ionnan 1-1.

Tha sin a' fàgail gu bheil Ross County dà phuing air thoiseach air an Eaglais Bhric, agus còig air thoiseach air Dùn Dè, ach le trì geama a bharrachd aca ri cluich.

'S e an aon dragh a bhios air luchd-leantainn Chounty 's dòcha gu bheil na geamaichean air tòiseachadh càrnadh suas orra beagan.

Bidh grunn sheachdainean trang aca agus 15 geama aca ri cluich ro dheireadh an t-seasain.

Ma thèid aca air dèiligeadh ri sin agus a' mhòr chuid de na geamaichean a bhuannachadh, tha a h-uile coltas ann gun glèidh iad an lìog air a' cheann thall.

Leasachadh

Dhearbh County an t-seachdain seo gu bheil iad an dùil Pàirc Bhictoria a leasachadh ma 's e agus gum buannaich iad a' Chiad Lìog.

Fo riaghailtean an SPL feumaidh gach cluba 6,000 suidheachan.

Tha an cluba air cead-dealbhachaidh iarraidh airson an leasachadh a dhèanamh.

"Tha sinn an dùil gun gabhadh an obair a dhèanamh taobh a-staigh 10 seachdainean aig deireadh an t-seasain", thuirt cathraiche Ross County, Roy MacGriogair.

"Chan e obair dhuilich a bhiodh ann", thuirt e.

Bhiodh an obair a' ciallachadh nach gabhadh Pàirc Bhictoria na h-uidhir de dhaoine air a' cheann thall, ged a bhiodh barrachd shuidheachan ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile