Aisseag eile a dhìth thar Linne Chluaidh

Ceann Loch Chille Chiarain Image copyright bbc
Image caption Tha turas air bus eadar Ceann Locha agus Glaschu a' toirt 4 uairean de thìde

Tha mòran dhaoine ann an Ceann Loch Chille Chiarain ag iarraidh seirbheis aiseig dhìreach gu Siorrachd Àir.

Ged a tha Ceann Locha air tìr-mòr, tha cruth na tìre a' fàgail gu bheil turas air a' bhus a Ghlaschu a' toirt ceithir uairean a thìde, agus thathas a' faireachdainn gun dèanadh seirbheis aiseig e comasach do dhaoine a dhol ann agus air ais ann an aon là.

Ann an Ath-sgrùdadh nan Aiseagan - aithisg a tha an Riaghaltas ag ullachadh an-dràsta - chaidh a mholadh gun deadh seirbheis a chur air dòigh a dh'Eilean Arainn gu ruige Àird Rosain no dhan t-Sròin.

Bhiodh an t-seirbheis sin a' ruith dà là san t-seachdain.

Ro Fhada

Ach nochd beachd aig coinneimh phoblaich ann an Ceann Locha oidhche Luain gun iarradh muinntir Chinn Tìre seirbheis dhìreach thar na Linnidh.

Tha an t-ath-sgrùdadh cuideachd a' moladh dà aiseag a chur air dòigh do dh'Eilean Arainn, eadar Àird Rosain agus Tràigh a' Chaisteil, agus cur às don aiseag a th' ann aig ceann a tuath an eilein, eadar Claonaig agus Loch Raonasa.

Chaidh a ràdh aig a' choinneimh gum biodh e feumail do thurasachd, do ghnìomhachasan agus do mhuinntir an àite nam biodh seirbheis aiseig ùr ann eadar Ceann Locha agus Siorrachd Àir.

Bha faireachdainn làidir ann nach bu chòir don aiseag sin a dhol a-steach do dh'Eilean Arainn, leis gum fàgadh sin an turas ro fhada.

Bhathas ag iarraidh cuideachd gum biodh an t-seirbheis a' ruith co-dhiù 5 là san t-seachdain, gu h-àraid as t-samhradh.

Tha an co-chomhairleachadh a tha an Riaghaltas a' ruith air na seirbheisean aiseig a' leantainn gu ruige deireadh a' Mhàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile