Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11.00

20 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Lloyds

Tha Eric Daniels, a bha roimhe na cheannard air Banca Lloyds, am measg co-dhìu deichnear de mhanaidsearan a' bhanca a dh'fheumas pàirt de Bhonus a fhuair iad a thoirt air ais dhan bhanca. Tha am banca ag iarriadh £2m bho na manaidsearan mar pheanas son a bhith a' reic pholasaidhean atharrachais PPI ann an dòigh nach robh ceart. Is e seo a' chiad trup a tha Banca ann am Breatainn air leithid a rud a dhèanamh.

Maoin Eòrpach

Tha sreath de bhuidhnean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileananan air taic-airgid de chòrr is £5m fhaighinn. Tha Maoin Structair na Roinn Eòrpa ag amas air buidhnean a bheir fàs air an eaconamaidh a chuideachadh. Am measg na fhuair airgead tha buidheann chiùil ann an Steòrnabhagh a fhuair cha mhòr £300,000 agus fhuair buidheann air a' Ghàidhealtachd a tha cuideachadh òigirdh le bhith lorg obrach cha mhòr £1m.

Meirle Arcaibh

Chaidh fireannach aois 19 bliadhna a chur an grèim ann an Arcaibh fo chasaid gun do dh'fheuch e ri meirle a dhèanamh air bùth, is armachd aige. Thachair a' chùis aig bùth ann am Finstown oidhche Shathairne. Thuirt labhraiche bho bhòrd Poilis a Chinn a tuath gun robh dùil gun nochdadh an duine ann an Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile na h-Eaglaise.

Rangers

Tha rannsachadh air suidheachadh ionmhais Rangers air a shealltainn gun deach £250,000 a phaigheadh a-steach gu cunntas sgioba amadair ann an Sasainn. Chaidh an t-airgead a phàigheadh a-steach do chunntas Banstead Athletic a tha air an ruith le Aidan Earley, fear de charaidean Craig Whyte. Tha dùil gun innis an luchd-rianachd Duff & Phelps barrachd mu dheidhinn suidheachadh ionmhais Rangers nas anmoiche an-diugh. Tha e air nochdadh cuideachd gu bheil iomradh san aithisg aig an rèitire Iain Brines mu sheinn neo-cheadaichte bho luchd-taic Rangers sa gheama eadar iad fhèin is Cille Mhearnaig Disathairne.

Teine

Chaidh boireannach aois 64 a thoirt dhan ospadal ann an Dùn Èideann an dèidh teine anns an dachaigh aice. Bha I a' fuireach ann an taigh air rathad Redford aig ionad Woodthorpe. Tha Seirbheis-smàlaidh Lodainn agus nan Crìochan air rannsachadh a thòiseachadh faic de dh'adhbhraich an tubaist.

Aiseagan

Tha dàil air grunnan de dh'aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn an diugh le gaoth làidir a' buaileadh air cuid de sgìrean. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn mu na h-aiseagan sin air làrach-lìn Chal Mac.