Cead son chrann-gaoithe ann am Beàrnaraigh Leòdhais

Tursachan Chalanais Image copyright bbc
Image caption 'S e Seann Ìomhaigh Chlàraichte a th' ann an Tursachan Chalanais

Tha Comhairle nan Eilean Siar air cead a thoirt do phlana airson dà chrann-gaoithe a thogail ann am Beàrnaraigh Leòdhais.

Tha sin a dh'aindeoin 's gun deach Alba Aosmhor na aghaidh seach gun gabhadh na crainn fhaicinn bho Thursachan Chalanais.

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a-nise co-dhùnadh deireannach a dhèanamh air a' chùis.

'S e croitear à Beàrnaraigh a tha a' cur air adhart an leasachaidh, agus tha esan ag ràdh gum b'e gnothach fìor dhoirbh a bh' ann.

Fàsach

"Bha iomadach cnap-starra air an t-slighe, agus feadhainn eile nach urrainn dhomh còmhradh mu dheidhinn," thuirt Tormod Dòmhnallach.

"'S e an cnap-starra as motha a th' againn, Tursachan Chalanais.

"'S e buidheann reachdail a th' ann an Alba Aosmhor, 's feumaidh tu a dhol a Dhùn Èideann airson cead fhaighinn nuair a tha thu a' dèiligeadh ri buidhinn mar seo.

"Cha robh uachdaran riamh air a' Ghàidhealtachd a bha coltach riutha.

"Nam biodh an toil fhèin aca, 's e fàsach a bhiodh an seo.

"Chan eil e a' dèanamh cron sam bith air Tursachan Chalanais. Tha mise deugachadh mhìltean le càr o Thursachan Chalanais, ged nach eil mi ach còig mìle às tarsainn a' chaolais.

"Chan eil Tursachan Chalanais a' toirt aon sgillinn ruadh a-steach a Bheàrnaraigh, ach tha Calanais air tagradh a chur nam aghaidh.

"Ma sheasas an rud a tha iad ag ràdh tha e a' dol a chur bacadh, tha, chan urrainn dhut càil de ghnìomhachas sam bith a chur air chois ann an seo.

"Tha againn a-nis ri dhol sìos a Dhùn Èideann agus tagradh a dhèanamh chun nam Ministearan ann an sin, an aghaidh an tagraidh a tha Tursachan Chalanais air a chur nar luib.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum an Riaghaltas èisteachd rinne, agus gum feum sinn seasamh gualain ri gualain nan aghaidh.

"Agus gum feum sinn duilleag a thoirt às an leabhar aig muinntir Bharraigh, an rud a tha iad air a dhèanamh ann an suidheachadh den t-seòrsa seo bho chionn còrr air mìos.

"Feumaidh sinn bruidhinn a-mach, 's feumaidh na buill-phàrlamaid bruidhinn a-mach.

"Tha feadhainn eile ann an sgìrean a th' ann am follais Thursachan Chalanais am beachd leasachaidhean a chur air adhart cuideachd," thuirt e.

Dhiùlt Alba Aosmhor càil a ràdh mun ghnothach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile