Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Bùithdean

Chaidh na reic bùithdean na dùthcha an-àirde 0.9% air a' mhìos a chaidh a rèir nan àireamhan as ùire bho Oifis Nàiseanta na Staitistig. 'S e seo an t-àrdachadh mìosail as motha airson 11 bhliadhna, agus tha e an-àirde 2% air an aon àm an-uiridh. Tha Oifis na Staitistig ag ràdh gun do bhuannaich na bùithdean à isleachadh ann an Ìre an Rèidh, agus mar a thug iad fhèin a-nuas prìsean iomadach rud.

Luchd-smàlaidh

Tha Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' coinneachadh an-dràsta 's iad a' deasbad am bu chòir cuid de na stèiseanan beaga air feadh na sgìre a dhùnadh. Tha an t-Àrd-oifigear Smàlaidh, Trevor Johnson, ag iarraidh gun toireadh iad cumhachd dha stad a chur air obair stèiseanan nuair a chì esan iomchaidh. Tha e a' cumail a-mach nach eil luchd-obrach, no trèanadh gu leòr aig cuid aca, agus gu bheil e gam fàgail cunnartach.

Ceann-suidhe na Gearmailt

Tha Ceann-suidhe na Gearmailt air a dhreuchd a leigeil dheth an luib chasaidean gun do ghabh e tiodhlacan nach robh còir aige mus deach e dhan obair. Nochd Christian Wulff air an telebhisean ag ràdh gun deach earbsa an t-sluaigh ann a mhilleadh anns na seachdainnean mu dheireadh. Chun a seo, bha lagh na dùthcha a' cur dìon air mar Cheann-suidhe bho chasaidean foirmeil. Ach dh'iarr luchd-casaid air a' Phàrlamaid an-dè an dìon sin a thogail. Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gum bruidhneadh i ris na pàrtaidhean poileataigeach eile ach an aontaicheadh iad tagraiche a dheadh an àite Mhgr Wulff.

Teine ann am Peart

Tha ionad mòr ath-chuairteachaidh sgudail air a dhol na theine ann am Peart, ri taobh an A9. Thuirt Seirbheis-Smàlaidh Thaobh Tatha, gu bheil mu 100 tunna sgudail na theine aig Ionad Gnìomhachais Inbhir Amain, agus tha ceò dhubh ri faicinn air feadh meadhan Pheairt.

Cùram Meidigeach

Tha dà choimhearsnachd iomallach ag ràdh gu bheil cùram meidigeach taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach an impis a dhol na chùis èiginn dhaibh. Tha ceithrear dhotairean a dhìth ann an Ìle agus an Diùra leis nach eil feadhainn deònach a dhol ann airson uallach na h-obrach a ghabhail. Agus tha daoine a tha a' fuireach air taobh siar Àird nam Murchan a' dol a choinneachadh ri Rùnaire na Slàinte an ath-sheachdain, 's planaichean ann airson an dithis nursaichean a th' aca an-dràsta a thoirt bhuapa.

Prìomh-shràidean

Tha na companaidhean bhùithdean as motha a' seachnadh prìomh-shràidean agus meadhan bhailtean barrachd is barrachd a rèir rannsachaidh ùir. Fhuair e gum b'fheàrr leotha bùithdean ùra fhosgladh ann am pàircean gnìomhachais air iomall nam bailtean. Fhuaireas cuideachd, de na 500 sràidean air an deach rannsachadh a dhèanamh air feadh Bhreatainn, gun do dhùin 14 bùth san là an-uiridh.

Tuath-gaoithe

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead-dealbhachaidh seachad airson dà mhuilleann gaoithe a thogail ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Bha Alba Aosmhor air a dhol an aghaidh a' phlana seach gun deadh na muilnean fhaicinn bho Thursachan Chalanais. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a-nise co-dhùnadh a dhèanamh air a' chùis.