Sgeama Hydro mòr san amharc anns a' Ghleann Mhòr

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, bbc
fo-thiotal an deilbhBhiodh an sgeama air an fhear as motha an Alba riamh

Tha Scottish and Southern Energy (SSE) a' tagradh airson an sgeama Hydro as motha ann an Alba a thogail faisg air ceann an iar a' Ghlinne Mhòir.

Tha SSE a' sireadh cead bho Riaghaltas na h-Alba stèisean cumhachd a chruthaicheas 600 Megawatt de dhealan a thogail faisg air Loch Lòchaidh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh ge-tà gum bi dà bhliadhna ann mus co-dhùin iad co-dhiù thèid iad air adhart leis a' phlana.

Bidh seo air a' chiad sgeama de a sheòrsa - a bhios a' cruthachadh dealain 's ga stòradh gus am bi feum air - a thèid a thogail ann am faisg air 40 bliadhna.

Chaidh am fear mu dheireadh a thogail anns a' Chuimrigh.

Ma thèid e air adhart cosgaidh e timcheall air £800m, agus bidh e am measg nam pròiseactan togail as motha a chaidh fhaicinn ann an Alba riamh.

Tha SSE Renewables a' dèanamh dheth gun toir e suas ri còig bliadhna airson fear de na damaichean as motha ann am Breatainn a thogail, a thuilleadh air stèisean cumhachd fo thalamh, tunailean, dà amar uisge agus cidhe air bruaich Loch Lòchaidh.

Thuirt a' chompanaidh nach dèan iad co-dhùnadh deireannach air a' phròiseact gu 2014, agus gum bi iad ag iarraidh atharrachaidh air na tha e a' cosg a bhith a' cur dealain a-steach dhan Ghriod Nàiseanta mus tèid iad air adhart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh