Buidseat CNES son na h-ath-bhliadhna air aontachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Buidseat Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar am buidseat airson na h-ath-bhliadhna-ionmhais.

Chuir iad gearradh de £3.3m an sàs air na bh' aca an-uiridh.

Gheibhear air £1.2m dheth sin fhaighinn le bhith a' dèanamh ghnothaichean nas èifeachdaiche, a' fàgail £2.1m ri lorg le gearraidhean.

Tha a' Chomhairle a-nis a' dol air adhart le buidseat de £118m.

Airgead Calpa

Tha a' Chomhairle a' faighinn £1.6m nas lugha bhon Riaghaltas.

Tha Cìs na Comhairle anns na h-Eileanan ga glèidheadh aig £1,024 airson Bann D, an ìre as ìsle ann an Alba.

Dh'fhailnich air comhairlichean SNP atharrachadh a thoirt air mar a thèid an t-airgead a chosg.

Chuir comhairlichean SNP dà ghluasad air adhart: cìsean airson cùraim a ghlèidheadh aig an aon ìre, agus stad a chur air cùis-lagh na Comhairle an aghaidh an Riaghaltais co-cheangailte ri sgoiltean a dhùnadh agus an t-airgead a chur ri cìsean.

Cha deach leotha le sin, no le oidhirp eile airgead a thoirt à buidseat sgìreil gach comhairliche.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e buidseat math a bh' ann, agus dh'aontaich mise ris a' chuid mhòir dheth," thuirt ceannard buidheann SNP na Comhairle, Dòmhnall Manford.

"Chan eil mi a' tuigsinn idir an sgiamhail a th' ann ag ràdh gum bu chòir do ghluasadan a bhith air an cur air adhart nas tràithe.

"Tha sin ag ràdh nach eil còir aige siud a bhith ach 'rubber stamp.' Chan e sin a th' ann.

"Tha e airson deasbad. Fhuair sinne càineadh leis an luchd-measaidh o nach eil sinn a' dèanamh ar n-obrach ceart agus a' ceasnachadh," thuirt e.

Tha Cathraiche Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, toilichte gun deach am buidseat troimhe, 's e ag ràdh gun deach èisteachd ri draghan dhaoine mu ghearraidhean.

"Tha mi a' smaoineachadh, agus tha mi an dòchas gum faic daoine, leis a' chonaltradh a bhathas a' dèanamh thairis air na 4 mìosan a chaidh seachad, gun robhas ag èisteachd ris an rud a bha a' choimhearsnachd agus na buill ag ràdh," thuirt e.

"Chan ann a-mhàin aig na coinneamhan coimhearsnachd, ach cuideachd ann an seo anns an t-seòmar nuair a bhathas a' dèanamh sheminearan air buidseat na h-ath-bhliadhna.

"Agus gu bheil daoine a' faicinn gun robh rudan air an cur nan àite, a' gabhail a-steach dhraghan dhaoine mu dheidhinn nan roinnean far am biodh gearraidhean gan dèanamh 's far nach biodh gearraidhean gan dèanamh.

"Ach tha sinne, aon uair eile, air a bhith a' cleachdadh airgid chalpa airson a bhith a' gearradh airgid bhliadhnail, mar eisimpleir ann a bhith a' càradh rathaidean agus thogalaichean.

"Le sin, cha bu chòir gum bi buaidh sam bith aige air a bhith a' lìbhrigeadh na seirbheis anns an dà roinn a tha sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile