Cha till MV Isle of Lewis an t-seachain seo

Air fhoillseachadh

Cha bhi am bàt'-aiseig MV Isle of Lewis air ais ann an Steòrnabhagh ro dheireadh na seachdain air a' char as tràithe.

Bha dùil rithe an t-seachdain seo fhèin, ach bha tubaist aice fhad 's a bha i dol tro dheuchainnean an dèidh obair-leasachaidh ann an Liverpool.

Tha MV Clansman air a bhith a' ruith air slighe Steòrnabhaigh, ach tha ise a-nis a' dèanamh air Obar Dheathain airson obair-leasachaidh fhaighinn.

Chuir Cal Mac MV Hebridean Isles air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul san eadar-ama, 's a' chompanaidh air a ràdh gun toir an dàil seo buaidh air seirbheisean ann an Ìle cuideachd.

Bha dùil gum biodh an Hebridean Isles ann an Ìle an t-seachdain seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh