Briseadh-dùil dhan luchd-bathair air RET

Làraidh
Image caption Tha luchd-bathair ag ràdh gun tig àrdachadh mor air na cosgaisean aca gun RET son làraidhean.

Fhuair Buidheann Còmhdhail Innse Gall briseadh-dùil nan iomairt an aghaidh RET a thoirt air falbh bho làraidhean.

Choinnich riochdairean bhon bhuidhinn ri Ministear na Còmdhail, Cè Brown, ann an Dùn Èideann Dimàirt.

Mhìnich iad na draghan a th'orra mun bhuaidh a bhios air companaidhean bathair mur h-eil iad an lùib sgeama RET.

Thuirt Mgr Brown gun robh e a' gabhail ris an argamaid gu bheil sgeamaichean leithid RET a' dèanamh feum do choimhearsnachdan, gu h-araidh aig àm dhoirbh dhan eaconomaidh.

Buidseat

Thuirt e ge-tà gu bheil suidheachadh na h-eaconomaidh a' ciallachadh gu bheil buidseat Riaghaltas na h-Alba fhèin nas lugha, agus nach eil airgead ann son RET a chumail son làraidhean.

Thuirt e gun till e le molaidhean eile ann an oidhirp draghan an luchd-bathair a shàsachadh.

Tha Buidheann Còmhdhail Innse Gall ag ràdh gun robh a' choinneamh na briseadh-dùil dhaibh.

Thuirt Dàibhidh Wood bhon bhuidhinn nach bi lan fhios aig an riaghaltas air buaidh a' phoileasaidh ùir air na h-Eileanan an Iar gun co-chomhairle a bhith air a dhèanamh mu dhèidhinn.

Thuirt e gur e bristeadh-dùil mòr a bh'ann nach do ghabh am ministear ri "iarrtas reusanta" son co-chomhairle air a' ghnothach.

Thug a' bhuidheann slaic air a' mhinistear cuideachd as dèidh mar nach d'fhuair cuid de na riochdairean aca - nach robh air cuireadh fhaighinn dhan choinneimh - a-steach innte.

Gheall iad ge-tà nach leig iad às an strì son RET a chumail.

Tagraiche

Tha a' chùis air fàgail gu bheil fear de thagraichean Pàrtaidh Naiseanta na h-Alba ann an taghadh Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach seas e dhan phàrtaidh a-nis.

Thuirt Iain Don MacÌomhair, a bha an dùil seasamh mar thagraiche dhan SNP san Rubha ann an Leòdhas, nach leigeadh a chogais leis am pàrtaidh a riochdachadh.

Thuirt e nach do rinn e co-dhùnadh deireannach fhathast mu an seas e mar neo-eisimeileach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo