Gaidheal òg ag amas air Rio 2016

Air fhoillseachadh
fo-thiotal a’ bhidioGàidheal òg ag amas air Rio 2016

Tha Fionnlagh Benton, sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air geamaichean Oilimpigeach 2016 ann an Rio de Janeiro.

Tha an t-òganach, aois 12 ann an sgioba-leasachaidh Bhreatainn is bidh e a' siubhal gu Doncaster gach seachdain airson trèanadh còmhla ri a cho-aoisean.

A bharrachd air a bhith a' dol a Shasainn gach seachdain tha aig Fionnlagh ri siubhal fad uair an uaireadair dhachaigh dhan t-Àrar ann an Earra Ghaidheal is Bòd gach là às dèidh na sgoile mus tòisich e a' trèanadh.

Tha gu bheil e air crios dubh a choisinn mar-thà na chomharra eile air cho dìcheallach 's a tha e.

Agus dè as fhèarr leis mun spòrs?

'S e ''a bhith a' breabadh dhaoine!''