Dragh mu chumhachd ath-nuadhachail is na Tursachan

Tursachan Chalanais Image copyright bbc
Image caption Draghan mu leasachaidhean faisg air Tursachan Chalanais.

Tha eagal air buill Comhairle nan Eilean Siar nach tèid cead a thoirt do leasachadh sam bith co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail ma tha e ann a sealladh Thursachan Chalanais.

Tha na buill ag ràdh gu faodadh am bacadh a tha Alba Eachdraidheil ag iarraidh a chur air leasachadh bualadh air nithean eile cuideachd, agus fiù 's taighean ùra.

Tha seo às dèidh do dh'Alba Eachdraidheil a' cur an aghaidh 2 muileann-gaoithe a bhathar an dùil a thogail air Eilean Bhearnaraigh air taobh eile Loch an Ròig bho na Tursachan.

Bha iarrtas a-staigh airson 2 mhuilean-gaoithe a thogail ann an Circeabost air Eilean Bhearnaraigh, mu 2 mhìle air falbh bho Clachan Chalanais.

Chuir Alba Eachdraidheil an aghaidh an leasachaidh, 's iad ag ràdh gun rachadh fhaicinn bho Chlachan Chalanais.

Thuirt iad cuideachd gun toireadh seo buaidh air inbhe nan Tursachan mar phàirt de dhualchas nan eilean, agus gu bheil seo an aghaidh polasaidh dealbhachaidh nàiseanta agus ionadail.

Frionasach

Ach thog grunn de na buill air Comataidh Àrainneachd is Seirbheisean Dìon na Comhairle draghan mun t-suidheachadh.

Tha iomagain orra gum faodadh seo stad a chur air a h-uile seòrsa leasachaidh nan gabhadh am faicinn bho na Tursachan.

Thuirt Iain A MacÌomhair gun do dh'fheuch a' bhuidheann mar-thà ri stad a chur air taigh ùr, agus gun robh gearanan ann mu thuath-gaoithe Ìsginn a bha na mìltean air falbh.

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Iain MacSuain: "'S e daoine gu math eirmseach a thog na Tursachan ach bhiodh iad a' fanaid air sluagh an là an diugh airson cho frionasach sa bha iad mu leasachadh.

Bha an Comhairliche Peadair Carlin cuideachd am measg an fheadhainn a thug beachd seachad air a' chùis.

Thuirt an Comh. Carlin gun robh feum air leasachadh neo nach biodh cosnaidhean neo sluagh air fhàgail.

Timcheall a' BhBC