Tùr na dhachaidh gun tùr?

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tùr uisge ga reic - son dachaigh?

Tha beatha ùr 's dòcha gu bhith aig togalach a tha air a bhith mar phairt de sheallaidhean Nis son 50 bliadhna.

Bha an tùr sa Chnoc Àrd a' cumail uisge ri dachaighean bhon a chaidh a thogail sna 1960an.

Sguir Uisge na h-Alba a' dèanamh feum den tùr bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Agus reic a' bhuidheann an togalach a tha a' seasamh os cionn sgìre Nis an-uiridh.

Dachaigh

Tha e a-nis a' dol air a' mhargaidh agus 's dòcha gun dèan e dachaidh do chuideigin.

Nuair a chaidh uisge a thoirt do dhachaighean ann an Nis anns na '60an son a' chiad ùr, bha an tùr seo aig cridhe na h-obrach.

Agus tha gu leòr san sgìre fhathast aig a bheil cuimhne air an leasachadh sin.

Image copyright bbc

Ach bho chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh an t-uisge a ghearradh dheth chun an tùir seo.

Rup

Cha robh Uisge na h-Alba a' dèanamh feum tuilleadh den togalach agus chaidh a reic aig rup son £2700 an-uiridh.

'S e neach-ceannachd prìobhaideach a fhuair an togalach ach cha deach leasachadh sam bith a dhèanamh air bhon uairsin.

Tha e a-nis air ais air a' mhargaidh, agus thathar a' sireadh thairgsean de cho-dhiù £19000.

Ach 's i a' cheist - dè ghabhas dèanamh leis?

Tha prògraman telebhisein sna bliadhnaichean mu dheireadh air aire a tharraing gu togalaichean den t-seòrsa seo.

Agus tha feadhainn air dachaighean a chruthachadh bho thogalaichean tòrr nas annasaiche.

Ach chan eil ach làrach bheag bhìodach an cois an togalaich seo.

Mar sin, chan eil ach aon dòigh son dachaidh a dhèanamh den togalach seo.

'S e sin - a dhol an àirde.