An t-Oll. Uilleam Lamb
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dual-chainntean dol à bith

3 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh' fhaodadh gur e dual-chainntean Gàidhlig Leòdhais agus Uibhist a Deas an aon fheadhainn a mhaireas.

Tha cunnart gum bàsaich a h-uile gin eile - feadhainn Sgiathanach, Hearach agus Uibhist a Tuath nam measg.

Sin an rabhadh a tha a' tighinn à rannsachadh a rinn eòlaiche à Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Rinn an t-Ollamh Uilleam Lamb sgrùdadh air bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha.

'S e tidsearan à Leòdhas agus à Uibhist a Deas as motha a tha a' teagaisg annta.

Agus 's ann a-mhàin an Uibhist a Deas a tha Gàidhlig na sgìre aig mòran cloinne mus tèid iad dhan sgoil.