Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

2 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Èipheit

Dh'òrdaich Comhairle an Airm, a tha a' riaghladh san Èipheit, rannsachadh mun àimhreit aig gèam ball-coise ann am Port Said a-raoir anns an deach trì fichead 's ceithir duine deug a mharbhadh. Chaidh trì latha de chaoidh nàiseanta a ghairm. Tha gearainean ann mun doigh san do dhèilig poilis ris an t-suidheachadh.

Astrazeneca

Tha a' chompanaidh Astrazeneca, a tha a' dèanamh chungaidhean leighis, am beachd corr is 7,000 cosnadh a ghearradh ro dheireadh 2014. Tha mu 8,000 duine ag obair dhan chompanaidh ann am Breatainn agus tha an t-aonadh GMB ag ràdh gun caill mu 350 duine an cosnadh anns an dùthaich seo. Thàinig an naidheachd goirid an dèidh dhan chompanaidh innse gun do rinn iad prothaid, ro chìsean, de chòrr is £7.5bn an-uiridh.

Foulkes

Tha am Morair Foulkes, a bha na mhinistear airson Oifis na h-Alba, ag ràdh gum bu chòir dà referendum a chumail air bunreachd na h-Alba. Tha am Morair Làbarach a' moladh a' chiad bhòt air am bu chòir Alba fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte. Ma 's e agus gun iarradh Albannaich neo-eisimeileachd, bhiodh e seachad aig an sin, ach mur a h-iarradh tha am Morair Foulkes ag ràdh gu feumadh an dàrna bhòt a bhith ann mu mhìos an dèidh sin a cho-dhùnadh tuilleadh chumhachan fèin-riaghlaidh do dh'Alba.

Gearraidhean

Bidh comhairlichean Earra-Ghaidheal is Bhòid a' deasbad phlanaichean an-diugh airson £8m eile a thoirt far a' bhuidseat aca airson an ath thrì bliadhna le coltas gu faodadh mu 500 dreuchd falbh. Thuirt ceannardan na comhairle gu bheil iad an dochas nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil agus gun tèid aca cuideachd air seirbhisean mar cùram sheann daoine agus na ròidean a ghlèidheadh.

Ròidean

Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ri droch staid ròidean na sgìre sin le buidheann obrach fhasdadh airson tuill a lìonadh agus drèinichean a ghlanadh. Tha a' chomairle an dòchas dà mhillean not a bharrachd a chur ri càradh ròidean air an ath bhliadhna ionmhais ach tha buidheann SNP na comhairle ag ràdh nach eil luchd-obrach aca mu choinneimh sin agus roinn tec services na comhairle air 200 cosnadh a chall air an trì bliadhna mu dheireadh.

Cumhachd

Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gu feum riaghailtean gnìomhachas an dealain atharrachadh neo gum bi e ro dhaor cumhachd as na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan mu Thuath a chur ris a ghriod nàiseanta. Bha Mgr Ewing a' bruidhinn an dèidh dha fhèin agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, coinneachadh ri riaghladair an dealain, Ofgem. Nam b' e agus gu seasadh na planaichean a th' ann an-dràsta, bhiodh e seachd tursan nas daoire dealan à tuathan as na h-eileanan a chur ris a' ghriod nàiseanta na bhiodh e do thuathan air tìr-mòr. Thuirt Mgr Ewing gun do dh'èisd riochdairean Ofgem riutha agus gu bheil làn fhios aca air an t-suidheachadh a th' ann.