An Comh. Dòmhnall Iain MacSuain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd son 'connadh na Comhairle'

1 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar rannsachadh a dhèanamh air am biodh e comasach dhaibh tòiseachadh a' cumail connadh den a h-uile seòrsa ri muinntir nan Eilean nas saoire na tha iad ga fhaighinn an-dràsta.

Sin fear de na beachdan a nochd aig coinneimh phoblaich ann a Steòrnabhagh an-raoir.

Tuirt cathraiche GB Oils, a tha a' cumail connadh ri na h-Eileanan, nach b'iadsan idir a bu choireach ri prìsean a tha uaireannan 20 sgillinn an liotar nas daoire na air tìr-mòr.

Tha luchd-iomairt cuideachd a' beachdachadh a dhol ann an co-bhonn ri luchd-iomairt anns na h-eileanan eile agus ann an Sasainn.