Cluichidh Denton an aghaidh Sasainn

Cluicheadair rugbaidh na h-Alba Dàibhidh Denton Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Faodaidh Denton cluich do dh'Alba leis gun do rugadh a mhàthair ann an Glaschu

Tòisichidh Dàibhidh Denton geama dha sgioba rugbaidh na h-Alba son a' chiad uair an aghaidh Sasainn aig Murrayfield Disathairne.

Chluich Denton, a tha 21, dhan sgioba nàiseanta roimhe an aghaidh Èirinn an-uiridh, ach 's ann far na beinge a thàinig e an uairsin.

Bidh an cluicheadair, a rugadh ann an Zimbabwe, san loidhne cùl comhla ri Ross Rennie agus Al Strokosch.

Tha deasbad air bhith ann am measg luchd-tàic na dùthcha mu cò a bha chòir cluich aig àireamh a deich - is tha còidse na sgioba Andaidh Robinson air Dan Parks a thaghadh an sin. Bidh Chris Cusiter ri thaobh mar scrum-half.

San loidhne aghaidh tha caiptein na sgioba Ross Ford, Ailean Jacobsen agus Eòghainn Moireach.

Chan eil cluicheadair Ghlaschu, Al Kellock, a bha roimhe na chaiptein san dàrna lodhne. 'S iad Seumas Hamaltan agus Richie Gray a' chluicheas an sin.

'S iad Sean Lamont, a th'an impis gluasad gu ruige sgioba Ghlaschu agus Nick de Luca bho Dhun Èideann a th'ann am meadhaIn na sgioba. Tha de Luca a' gabhail àite Joe Ansbro a th'air a ghoirteachadh.

Cluichidh Lee Jones dhan sgioba nàiseanta son a' chiad uair cuideachd. 'S e fhein agus Max Evans a bhios air cliathaich na pàirce.

Bidh Scott Lawson, Geoff Cross, Al Kellock, Iain Barclay, Mike Blair, Greig Laidlaw and Graeme Moireasdain air a' bheinge.