Buaidh do Djokovic an Astràilia an aghaidh Nadal

Bhuannaich Novak Djokovic Farpais Fhosgailte Astràilia ann an gèam còig seataichean an aghaidh Rafael Nadal a mhair faisg air sia uairean a thìde.

Thuirt Djokovic, àireamh a h-aon san t-saoghal, gur e an rud a b' fheàrr a rinn e ann an teanas.

Ghlèidh an Serbach Là na Sàbaid 5-7 6-4 6-2 6-7 (5-7) 7-5.

B' e an treas turas a thog e cuach Rod Laver - agus chan eil ach triùir eile air fhaighinn trì tursan bho 1968.

B' iad Andre Agassi, Roger Federer agus Mats Wilander.

Thuirt Djokovic, 24, gur e urram a bh' ann a bhith air ainmeachadh am measg leithid a chluicheadairean.

Bha slighe dhuilich aig Djokovic, a th' air deich farpaisean Grand Slam a bhuannachadh, chun na cuairt deireannaich.

Cha robh e gu math nuair a chluich e Dàibhidh Ferrer agus mhair an iar-chuairt dheireannach an aghaidh an Albannaich Andaidh Moireach ceithir uairean a thìde agus leth-cheud mionaid.

Thuirt Rafael Nadal gun robh a' chuairt dhireannach cho duilich ri gèam a chluich e a-riamh.

Bha e ag ràdh gur e gèam air leth a bh' ann agus gun robh e toilichte pàirt a ghabhail ann.