Dà bhàta ùr 'uaine' do ChalMac gan togail

Tòisichidh obair air dà bhat'-aiseig ùr airson taobh siar na h-Alba an diugh.

Bidh na bàtaichean 'uaine' aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cleachdadh an dà chuid chuid bataraidhean agus dìosal.

Tha dùil gun cosg na soithichean £20m, 's iad gan toagail aig gàradh Fhearghasdain air Chluiadh.

Bidh a' chiad thè a' frithealadh Eilean Ratharsair agus dùil gum bi i deiseil as t-earrach 2013.

Tha Cal Mac a' cumail a-mach gur e seo a' chiad turas a chaidh teicneòlas 'hybrid' a chleachadh son soithichean sìobhalta.

Bidh dà bhataraidh mòr air gach bàta 's dùil gun cleachd iad 20% nas lugha de chonnadh na bàt'-aiseig àbhaisteach.

Nas luaithe

Agus thathar an dùil gum bi na bàtaichean ùra nas luaithe na an fheadhainn a th'air na slighean an dràsta.

Tha gàirdeachas mòr ga dhèanamh aig gàrradh Fhearghasdain far an deach tòrr bhàtaichean Chal Mac a thogail gu h-eachdraidheil.

A bharrachd air obraichean a ghlèidheadh, thèid obraichean ùra a chruthachadh leis a' chùmhnant seo.

Agus tha dòchas ann gun tòir an obair leis an teicneòlas ùr seo ìomhaigh air àrd ìre den obair a tha a' dol air Chluaidh.

Bidh a' chiad shoitheach a' seòladh eadar Sconsair agus Ratharsair.

Cidhe ùr

Image copyright bbc

Thogadh cidhe ùr ann an Ratharsair bho chionn ghoirid.

Agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur romhpa cidhe Sconsair a leasachadh gus am bi e comasach aiseag nas motha a ghabhail.

Chan eil fhios aig an ìre-sa càite an tèid am bàta eile a chur an sàs.

Ach ge bith dè an t-slighe a bhios ann, chaidh am bàta a dhealbhachadh airson slighean goirid.

Tha dùil gum bi an dàrna bàta deiseil as t-fhoghar 2013.

Timcheall a' BhBC