Ceangaileachan dluth eadar Lochlannaich is Gàidheil

Uibhist a Deas Image copyright Other

Tha e air tighinn am follais bho rannsachadh a mhair 20 bliadhna, nach robh na Lochlannich a thàinig do na h-eileanan builleach cho brùideal 's a tha cuid de dhaoine a' dèanamh a-mach.

Fhuaireas fiosrachadh nas mionaidiche mu bheatha nan Gàidheal ann an Uibhist a Deas na mìltean bhliadhnaichean air ais le arc-eòlaichean a tha air a bhith a' tadhail air an eilean.

Anns an leabhar ùr 'From Machair to Mountains' a chaidh a dheasachadh leis an Ollamh Mike Parker Pearson, chìthear ciamar a fhuair arc-eòlaichean diofar làraich fon a ghainmhich a' dol air ais dha Linn an Umha.

Tràillean

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil an sgrùdadh a rinn iad, a' sealltain nach robh na Lochlannaich a thàinig a dh'Uibhist cho cruaidh air sluagh an àite sa bha dùil.

An àite a bhith dol ris a bheachd gun robh na Lochlannich a' marbhadh nam fear agus a' fàgail bhoireanach is clann nan tràillean, tha an rannsachadh seo dhen bheachd nach robh atharrachadh chò mòr ann ann am beatha nan eileaneach.

Thuirt Rùnaire a ' Chultair, Fiona Hyslop "Tha am pròiseact seo mìorbhaileach, 's e na phàirt cudthromach do dh'eachdraidh na h-Alba."

Tha arc-eòlaichean air a bhith an lùib na pròiseict son 20 bliadhna a' siubhal air feadh mhachraichean is mhonaidhean, a' coimhead air làraich bho Linn na Cloiche gu àm nan Lochlannach.

Image copyright Other
Image caption Amharras ann gur e na Cruithnich a thog an càrn seo.

Tha an t-Ollamh Parker Pearson air a dhòigh glan le Uibhist a Deas, 's e ag ràdh gu bheil an t-eilean cho luachmhòr a thaobh arc-eòlas prìseil.

Linne an Umha

Thuirt an t-Ollamh: "Tha mòran làrach bho na diofar linntinn air machraichean nan eilean, ach tha àitean cuideachd air na monaidhean agus anns na beanntan a tha mìorbhaileach".

Mus do thòisich an obair rannsachaidh an Uibhist, cha robh fios mu mhòran làrach sna h-Eileanan an Iar, ach fhuair an sgioba fianais bhon Linn an Umha gun robhas a' cur chorp nan teine aig Cladh Hàllain, an lùib cearcail de chreagan.

Image copyright Other
Image caption Chaidh làraich fhaighinn an Uibhist a Tuath cuideachd.

Le bhith coimhead air pàtran a' mhachaire ann an Uibhist, tha a h-uile coltas gun robh iad a' cleachdadh an fhearrain anns cha mhòr an aon dòigh, bho Linn an Iarainn suas gu am na Fuadaichean.

Call

Thuirt Ceannard Arc-eòlais aig Alba Eachdraidheal, Rod McCullagh gun robh na laraich an Uibhist a cheart cho cudhthromach ri feadhain 'sa Ròimh agus anns an Aegean. "Tha an rannsachadh seo air buaidh a thoirt air an dòigh anns am bi ùghdarrasan ionadal agus buidhnean eile a' deiligeadh ri làrach prìseal."

Tha a' phroiseact air togail air na chaidh a dhèanamh agus na 1950's nuair a bhathas a' togail port adhar Bheinn na Foghla agus raon nan rocaidean ann a Gèirinis far an deach làrach bhon Linn an Iarainn agus Linn nan Lochlannach a' lorg.

Leis a phroiseact a' tighinn gu crioch as deidh 20 bliadhna, co aig a tha brath dè tha air fhàgail fon a gheanmhaich, bho na monaidhean is beantann an Uibhist a Deas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile