Nadal roimhe dhan chuairt deireanach ann an Astràilia

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, AP
fo-thiotal an deilbhBhuannaich Nadal an aghaidh Federer

Rinn Rafael Nadal an gnothach air Roger Federer son àite fhaighinn anns a' chuairt dheireannaich de dh' Fharpais Astràilia a ghabhas àite air Là na Sàbaid.

Tha Nadal a-nis air an gnothach a dhèanamh air Federer 18 turas a-mach as an 27 turas a tha iad air coinneachadh agus thuirt e gur e "geama iongantach" a bh' ann an turas seo. Bhuinig e 6-7 (5-7) 6-2 7-6 (7-5) 6-4.

Cluichidh Nadal an dàrna cuid Andaidh Moireach no Novak Djokovic air Là na Sàbaid.

Ghoirtich Nadal a ghlùin mus do thòisich a' cho-fharpais agus thuirt e "air an t-Sàbaid, 24 uairean mus robh agam ris a' chiad gheama a chluich bha mi nam sheòmar a' caoineadh air sgàth 's nach robh mi a' creidsinn gum biodh an cothrom agam cluich ann am Melbourne.

"Mar sin, bha an t-àm a bha sin gu math gu math doiribh.

Adhbhar toileachais

"Cola-deug as dèidh sin agus tha mi anns a' chuairt dheireannaich, 's mar sin se adhbhar toileachais a tha seo dhomh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e fìor dheagh rud a th' ann cuairt dheireannach mhòr a chluich uair sam bith.

"Tha mise air a bhi anns na ceithir mu dheireadh 's tha mi den bheachd gur e dèagh oidhirp a tha sin.

Chuir lasairean-teine airson Là Nàiseanta Astràilia a chomharrachadh stad air a' gheama anns an dàrna seat son deich mionaidean.

Rud nach do chòrd ri Federer, mar a mhìnich e, "Bha e doirbh, chan eil e na chuideachadh, tha sin cinnteach," thuirt e.

"Dh' innis iad dhuinn gu robh e gus tachairt, cha robh e na iongnadh mar sin. Ach bha fhios agam gun do chaill mi mòran phuingean an streath a chèile.

"Chan eil mi air call ann an mu chòig mìosan neo mar sin, leis a sin chan eil e gu tur dona. Na bithibh ro dhuilich air mo shon.

Briseadh dùil

"Mar a shaoileadh tu, bu mhath leam nan robh mi air an gnothach a dhèanamh agus cothrom eile fhaighinn air an tiotal a bhuinig an seo.

"Bha mi a' smaoineachadh gun do chluich Rafa gu math bho thoiseach gu deireadh.

"'S e geam dhoiribh a bh'ann cuideachd. 'S e bristeadh dùil a th' ann ach chan eil ann ach toiseach an t-seusain.

"Tha mi a' faireachadain gu math is tha e ceart gu leor.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh