Cluicheadairean SPL air ais anns a' chlas

Tha dithis chluicheadairean bho Phrìomh Lìog na h-Alba air tilleadh chun na sgoile airson clann air a' Ghàidhealtachd Frangais ionnsachadh.

Bidh Gregory Tade agus Coinneach Gillet a' dol do dh'Acadamaidh Allt a' Mhuilinn nuair a tha là dheth aca bho an obair àbhaisteach.

Tha na cluicheadairean bho Chaley Thistle Inbhir Nis ag ràdh gu bheil e a' còrdadh riutha ùine a chuir seachad leis an òigridh.

A-rèir ceannard roinn na Frangais, Fiona Nic an Tàilleir, chan eil dòigh nas fheàrr ann sgoilearan a bhrosnachadh.

Image copyright bbc
Image caption Gregory Tade a' toirt cuideachaidh do sgoilearan ann an Acadamaidh Allt a' Mhuillinn

Thuirt Gillet, à Bordeaux, agus Tade à Nante, gum bi iad a' bruidhinn sa chànan aca fhèin air a' phàirc son cùisean a dhèanamh doirbh dhan sgioba eile.

Misneachd

Ach dh'aidich iad nach b'urrainn dhaibh an cleas sin a chuir an sàs leis a' mhanaidsear aca, Terry Butcher a chionn 's gu bheil Frangais aige-san cuideachd.

Thuirt Tade:"Tha mi cleachte ri leasanan fhaighinn bhon mhanaidsearan mu ciamar a chluicheas mi ball-coise agus tha mi air ais san sgoil son Frangais ionnsachadh dhan chloinn, neo airson misneachd a thoirt dhaibh.

"'S e rud gu tur eadar-dhealaichte agus rud math a th'ann ri dhèanamh.

Agus tha Gillet ag ràdh:"'S e rud ùr a tha seo dhomh. Bidh mi feuchainn ri bruidhinn riutha agus cuideachadh a thoirt dhaibh cuideachd.

Tha Eilidh NicRisnidh am measg nan sgoilearan a tha air a bhith a' faighinn taic bho na cluicheadairean.

"Tha e math a' faicinn agus a' cluinntinn ciamar a tha iadsan a' cantainn rudan diofraichte bho na tisdearan againn cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile