Cead-dealbhachaidh ga iarraidh a thaobh tuath-èisg

Bradan
Image caption Tha iasgairean a-measg na tha a' cur an aghaidh an leasachaidh

Tha Companaidh Bradain na h-Alba a' sireadh chead-dealbhachaidh bho Chomhairle nan Eilean Siar a thaobh tuath-èisg connspaideach faisg air Plòcrapol anns na Hearadh.

Bha iad roimhe ag amas air 20 cèidse-èisg a thogail aig an làraich ach tharraing iad na planaichean sin air ais an uiridh air sgàth 's mar a bha muinntir an àite cho mòr nan aghaidh.

Tha cead aca a-nis airson 14 cèidse.

Tha iad a-nis air tagradh eile a chur a-steach ge-tà airson soitheach-biadhaidh, a ghabhadh 150 tonna de bhiadh, a stèidheachadh aig an làraich.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air dèiligeadh ri mòran dhen na draghan a bh' air daoine mu na planaichean.

A thuilleadh air a bhith a' lùghdachadh àireamh nan cèidsichean a bhiodh an cois an leasachaidh, bhiodh iad cuideachd na bu lugha nan fheadhainn a bha iad a' moladh roimhe.

Mì-thoileachas

Sgrìobh iasgairean san sgìre gu Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gun deadh iarrtas na companaidh a dhiùltadh.

Tha dragh orra-san gun dèanadh an leasachadh sgrios air gnìomhachas an iasgaich air taobh sear na Hearadh.

Tha iad-san a' cumail a-mach gun do mhol iad làraich eile a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson an tuath-èisg ach nach robh Companaidh Bhradain na h-Alba deònach coimhead riutha sin.

Chaidh a' chompanaidh as àicheadh sin ge-tà, is iad a' cumail a-mach gu bheilear a' sgrùdadh a bheil làraich eile ann a bhiodh freagarrach.

Tha dùil gum beachdaich a' Chomhairle air an iarrtas taobh a-staigh beagan sheachdainnean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile