Coinnichidh Moireach agus Djokovic ann an Astràilia

Andaidh Moireach Image copyright Getty Images

Cluichidh Andaidh Moireach agus Novak Djokavic anns na h-iar-chuairtean deireanach de dh' Farpais Astràilia ann am Melbourne.

Rinn am Moireach a chùis air Kei Nishikori a Iapan ann an trì sea.

Cha b' e geam ro dhoirbh a bh' ann don Mhoireach is e a' tighinn gu bàrr 6-3 6-3 6-1.

Bha Moireach riaraichte leis mar a chluich e ged a dh' aidich e gum b' urrainn dha adhartas a dhèanamh.

Adhartas

"S e dèagh gheama a bh' ann, bha am farpais airson ghach puing math ach bha easan a' buinig a chuid as mòtha dhiubh 's mar sin bha mi a' feuchainn ri an cumail cho goirid 's a b' urrainn dho," thuirt e.

"Tha mi air a bhi a' dèanamh athartais le gach geama agus tha mi air a bhith a' gluasad gu math is cha bhi mi sgìth aig an deireadh sheachdain."

Seo an treas bliadhna an sreath a chèile a tha an t-Albannach air na h-iar-chuairtean deireanach de dh' fharpais Astràilia a ruighinn. Choinnich Moireach agus Djokovic anns an cuairt deireanaich ann an 2011 agus b' ann leis an t-Searbach a chaidh an là a bha sin.

Gabhaidh an geama aca àite air Dihaoine aig mu 08:30m.

Thèid an geama eile eadar Rafael Nadal agus Roger Federer a chluich madainn Dhiardaoin.