Gearan mu fhoghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt

Sgoil Obar Pheallaidh
Image caption Chan eil ach dà aonad-Gàidhlig anns an sgìre

Tha càraid ann an Siorrachd Pheairt a' fàgail air Comhairle Pheairt 's Chinn Rois gu bheil iad mì-chothromach anns an dòigh anns a bheil iad a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S ann ann am Blàr Athall a tha Brian agus Georgina Farron a' fuireach len teaghlach ach 's ann ann an Obar Pheallaidh, mìle thar fhichead air falbh, a tha an t-aonad Gàidhlig as fhaisge orra.

Tha Georgina Farron a' gearain gum feum iad fhèin pàigheadh airson Eliza, a tha 5, a thoirt dhan sgoil, 's a' Chomhairle a' diùltadh na cosgaisean-siubhail sin a ghiùlain.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil dleastanas orra sin a dhèanamh air sgàth 's gu bheil sgoil eile dham faodadh Eliza a dhol, ach anns nach eil aonad Gàidhlig, anns a' bhaile aca fhèin.

Cosgais

Tha a' Bh.Ph. Farron ag ràdh gu bheil iad an dòchas gluasad a dh'Obar Pheallaidh ach gu bheil cosgaisean mòra a' tighinn orra anns an eadar-ama le cho àrd 's a tha prìs a' chonnaidh.

Tha i a' cumail a-mach gur e Comhairle Pheairt 's Chinn Rois an aon tè ann an Alba a tha a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach nach toir cuideachadh le cosgaisean-siubhail dhan fheadhainn a dh'iarradh brath a ghabhail air.

"Nan toireadh an Riaghaltas comhairle shoilleir seachad gus dèanamh cinnteach gum bi a h-uile ùghdarras ionadail a' leantainn an aon phoileasaidh, bhiodh sin na chuideachadh mhòr do phàrantan" thuirt i.

Thuirt i nach eil i a' sùileachadh gum pàigheadh a' Chomhairle na cosgaisean air fad ach gun toireadh iad na h-uidhir a chuideachadh dhith.

Sgrìobh i gu Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, agus i ag iarraidh air-san an gnothach a rannsachadh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig cudromach agus gu bheil iad a' dol a dhèanamh sgrùdadh a dh'aithghearr air mar a tha iad a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt iad gum faodadh gun deadh coimhead ri seirbheisean còmhdhail mar phàirt dhen sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile