'S e Ross Ford sgiobair na h-Alba son geama Sasainn

Ross Ford Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Sgiobair na h-Alba

Chaidh cluicheadair Dhùn Èideann Ross Ford ainmeachadh an-diugh mar sgiobair na h-Alba son a' chiad gheama ann am farpais nan sia dùthchannan an aghaidh Shasainn.

Bha Ford, a tha 27 na phàirt den sgioba son a h-uile geama aig Cupa na Cruinne ann an Seallain Nuadh an-uiridh.

Dh'innis Coidse na h-Alba Andaidh Robinson gun robh e am beachd an obair a thoirt an toiseach dhan chluicheadair cùil Kelly Brown.

Chaidh Brown a ghoirteachadh ge-tà air an deireadh sheachdain fhad 'sa bha e a' cluich dhan sgioba aige, Saracens ann an Cupa Heineken.

Cailidh e a-nis am farpais air fad.

Chluich Ford dhan sgioba nàiseanta son a' chiad uair ann an 2004 an aghaidh Astràilia.

Fhuair e an 53mh ceap aige 's iad a' call ri Sasainn ann an Cupa na Cruinne san fhoghar.

Tha iomairt na h-Alba 's na sia dùthchannan a' toiseachadh aig Murrayfield air a' cheathramh là den Ghearran an aghaidh Sasainn.

Latha Sònraichte

"'S e là sònraichte a tha seo do Ross, tha e air a bhith na phàirt deatamach dhan bhuidhinn agus fear de na cluicheadairean as fheàrr againne son ùine a-nis" arsa Robinson.

"Tha mi gur mòr den bheachd gur e an duine ceart son na h-obrach.

"Ach le bhith ag ràdh sin tha co-fhaireachdainn agam son Kelly Brown"

Tha Ford a' gabhail àite Al Kellock aig ceann na sgioba.

Bha cluicheadair Ghlaschu na sgiobair son farpais nan sia dùthchannan ann an Cupa na Cruinne an-uiridh, is 's e Ford an 112mh duine a th'air a bhith na sgiobair air an sgioba.

Thuirt Ford gur e "Urram is duais a bh'ann a bhith na sgiobair son na dùthcha agad.

Mhinich e cuideachd gun robh e taingeil son a bhith na sgiobair air sgioba a dh'fhaodadh a bhith cho math.

"Dhomhsa dheth 's e rud cudromach a th'ann deagh eisimpleir a shealltainn ris na balaich.

"Feumaidh tu cluich san dòigh cheart cuideachd, is 's e sin a nì mi an aghaidh Sasainn."

Cuideachd chaidh cluicheadair Ghlaschu Jon Welsh, fear nach eil air cluich dhan sgioba nàiseanta roimhe, a ghairm a-steach gu buidhinn Andaidh Robinson is Alasdair Dickinson agus Ed Kalman le chèile air an goirteachadh.