C Difficile na thrioblaid an Ospadal an Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chaidh aon uard a dhùnadh an t-seachdainn-sa chaidh

Tha Bòrd-slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi aca ri beachdachadh air cuid de dh'obair-lannsa ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir a chur dheth air sgàth 's mar a th' aca ri dèiligeadh ris a' ghalar C Difficile anns an ospadal.

Chaidh uard 4C anns an ospadal a dhùnadh Diardaoin sa chaidh nuair a chaidh dearbhadh gu robh an galar, a dh'fhaodas a bhith marbhtach, air sgapadh anns an uard.

Tha an galar air tighinn air naoinear anns an ospadal bho thoiseach na mìos.

Dhearbh am Bòrd-slàinte gu bheil còignear euslainteach fhathast a' fulaing leis, ach gu bheil iad sin a' fàs nas fheàrr.

Obair-lannsa

Tha iad ag ràdh gur dòcha gum feum iad cuid de dh'obair-lannsa, nach eil èiginneach, a chur dheth gus am bi e comasach dhaibh dèiligeadh ri cùisean èiginn.

Thuirt an Dtr. Emma NicBhàtair bhon Bhòrd-slàinte nach robh an galar na chunnart mhòr sam bith do dh'euslaintich eile, do luchd-tadhail air neo do luchd-obrach an ospadail fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile