Fearg sna h-eileanan mu chall RET do làraidhean bathair

Làraidh Image copyright bbc

Chuir còrr is 40 companaidh sna h-Eileanan Siar taic ri buidhinn iomairt a chaidh a stèidheachadh son ìmpidh a chur air an Riaghaltas gun RET a thoirt far làraidhean bathair.

Tha Buidheann Còmhdhail nan Eilean Siar ag ràdh gun rachadh faraidhean suas 175% bho thoiseach a' Ghiblein.

Tha an t-ùghdarras ionadail cuideachd air an taic a chuir ris a'bhuidhinn.

Thuirt BPA nan Eilean Siar Alasdair Allan gu bheil Ministear na Còmhdhail Cè Brown air aontachadh coinneachadh ri luchd-bathair.

Choinnich am ball-pàrlamaid ri luchd-bathair agus companaidhean eile na bu thràithe air a' mhìos seo.

Àrdachadh

Tha an siostam RET a' stèidheadh phrìsean air an aon chosgais sa bhiodh ann air an rathad.

Ach a-rèir na buidhne còmhdhail dh' fhaodadh àrdachadh de 70% a dhol air faraidhean gu tìr-mòr fo na molaidhean seo.

Agus thuirt iad ma thèid seo atharrachadh gun toir e buaidh air a h-uile teaghlach agus gnothachas sna h-Eileanan.

Tha sgeama dearbhaidh air a bhith a' ruith anns na h-eileanan an iar, Colla is Tiriodh bhon Damhair an uiridh.

Thig an sgeam sin gu ceann as t-earrach 2012.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad am beachd an sgeama a leudachadh gu sgìrean eile.

Tha Maighstear Allan air a' choinneamh eadar luchd-bathair agus Ministear na Còmhdhail a chuir air dòigh.

Thuirt am BPA "Tha e gu math soillear bhon choinneimh anns an robh mi sa chathair agus cuideachd bho na litreachan a tha mi air fhaighinn gu bheil tòrr chompanaidhean airson seo a thogail leis a' mhinistear ann an cabhaig.

"Tha mi a' creidsinn gu bheil e ceart gun tèid cothrom a thoirt do na companaidhean air an toir na h-atharraidhean seo buaidh gus na beachdan aca a chuir an cèill.

"Tha iad air leigeil fhaicinn gu bheir dragh orra nach deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh mu na co-dhùnaidhean agus a' bhuaidh a bheireadh sin air na companaidhean aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile