Urras Carthannais ùr do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd

Oileanaich an Ionaid Image copyright bbc
Image caption Tha an t-ionad a-nis ceangailte ri Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd

Tha Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a' stèidheachadh Urras Carthannais airson airgead a thogail a chuidicheas gan cumail a' dol.

Bha an t-ionad anns a' Phloc ann an cunnart dùnadh an-uiridh, agus an taic-airgid a bha a' Chomhairle a' toirt dhaibh gus tighinn gu crìch.

Chaidh maoineachadh a lorg airson an sgoil a chumail a' dol, agus bidh cùrsaichean a-nis ann do dh'inbhich a thuilleadh air a' chloinn.

Tha Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd na h-ionad nàiseanta airson ceòl traidiseanta na h-Alba ionnsachadh.

An Iomall

"Bha gearraidhean ri dhèanamh, agus tha seo a' toirt dhuinn cothruim airgead a thogail," thuirt Wilma NicUalraig, a bhios a' teagasg san sgoil.

"Agus tha e a' toirt cothruim do dhaoine a tha a' cur taic ris an sgoil airson a cumail fosgailte sealltainn dhuinn cho mòr 's a tha an taic aca.

"Thèid againn an uair sin na rudan a b'fheudar dhuinn gearradh air ais air a thoirt don chloinn a tha a' tighinn don Sgoil Chiùil," thuirt i.

Tha an sgoil a' cur romhpa sa chiad dol a-mach £30,000 a thogail sa bhliadhna tron Urras.

Thèid an t-airgead sin a chur mu choinneimh nan rudan air am b'feudar gearradh air ais.

"Cumaidh e taic ri rudan sònraichte a bhios sinn a' dèanamh, ris an canadh tù "an iomall" mar gum biodh," thuirt Stiùiriche an Ionaid, Dougie Pincock.

"Rudan math dha-rìribh, ach nach eil riatanach do ghnothaichean an ionaid.

"Tha iad air a bhith stèidhichte o chionn fhada. Bidh sinn a' cur a-mach CD gach bliadhna, bidh sinn a' dèanamh chuairtean ciùil, a' cur chuirmean air dòigh air feadh na h-Alba, agus ceannaichidh sinn cnap math de dh'uidheamachd airson goireasan an ionaid a chumail aig ìre.

"Sin an seòrsa rud ris an cum an t-Urras taic a' chiad ghreis," thuirt e.

Air a' cheann thall ge-tà, tha an Sgoil Chiùil an dòchas gun tog an t-Urras suimean tòrr nas motha, gus an lùghdaichear na bhios a dhìth orra bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha dùil cuideachd gun tog an t-Urras inbhe na sgoile gu h-eadar-nàiseanta, 's gun tarraing sin a-steach airgead prìobhaideach.

B'e pàirt den aonta fo an deach an Sgoil Chiùil a shàbhaladh, gun deach i an luib Cholaiste na Gàidhealtachd an Iar, a tha na pàirt de UHI.

Ghlèidh sin don Sgoil Chiùil £200,000 sa bhliadhna, airson trì bliadhna.

Ri linn sin, tha an Sgoil Chiùil a-nis air Cùrsa Teisteanais Nàiseanta a stèidheachadh leis a' Cholaiste.

Tòisichidh an cùrsa, a bhios làn-ùine agus a mhaireas bliadhna, as t-Fhoghair.

Bidh cùrsaichean pàirt-ùine ann cuideachd a bhios fosgailte do dhuine sam bith sa choimhearsnachd, a tha ag iarraidh ceòl no seinn ionnsachadh.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile