Planaichean gus dealan a chruthachadh am pìoban uisge

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhBheireadh an sgeama lùghdachadh 10% air cosgaisean giollachd

Dh'fhoillsich Uisge na h-Alba planaichean airson dealan a chruthachadh le bhith a' cleachdadh an uisge a th' anns na pìoban aca co-dhiù.

'S ann aig a' chompanaidh a tha na cunntasan dealain as àirde san dùthaich.

Tha iad a' cosg air pumpaichean agus siostaman giollachd.

Thuirt iad gun toireadh sgeamaichean beaga hydro lùghdachadh air na cunntasan aca, agus gun ìslicheadh iad na bha de chàrbon ga sgaoileadh leis a' chompanaidh.

Chosgadh am pròiseact £20m, agus tha a' chompanaidh, a th' ann an sealbh phoblach, ag ràdh gun toireadh e lùghdachadh 10% air cosgaisean giollachd uisge.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh