Sgrùdar planaichean son tuath gaoithe sa Mhonadh Liath

Air fhoillseachadh

Thèid rannsachadh poblach a chumail air planaichean tuath gaoithe mòr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha seo as dèidh do Chomataidh Dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd cead a dhiùltadh Dimàirt son tuath gaoithe Allt Duine.

Chuir luchd-iomairt fàilte air an naidheachd sin, 's iadsan den bheachd gum milleadh an tuath gaoithe coltas na sgìre.

Bha 31 chrann gu bhith san tuath ghaoithe ann am beanntan a' Mhonaidh Lèith, eadar an Aghaidh Mhòr agus Ceann a' Ghiuthsaich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh