Dh'fhaodadh gun cosg Rathad an t-Sròim £70m a chàradh

Soidhne-rathaid Aiseag an t-Sròim Image copyright Other
Image caption Tha bàt-aiseig air ais ag obair thar an t-Sròim Charranaich anns an eadar-ama

Nochd còrr is 200 duine aig coinneimh phoblaich ann an Loch Carran a dheasbad suidheachadh Rathaid an t-Sròim.

Tha an rathad eadar Loch Carran agus Caol Loch Aillse air a bhith dùinte o bha maoim-slèibhe ann goirid ron Nollaig.

Chuala riochdairean Comhairle na Gàidhealtachd draghan mun bhuaidh a tha an suidheachadh a' toirt air seirbheisean san sgìre.

Is coltach nach eil airgead ann airson an rathad a dhèanamh sàbhailte.

Rathad-rèile

Aig an ìre seo tha dùil gun cosg e eadar £50m agus £70m.

Tha aiseag air a chur air ais tarsainn an t-Sròim Charranaich san eadar-ama.

Tha an loidhne rèile a tha a' ruith ri taobh an rathaid far an do thachair a' mhaoim-slèibhe fosgailte.

Tha turas còrr is 150 mìle aig daoine ri dràibheadh mun cuairt mur a cleachd iad an t-aiseag.

Am measg nan rudan mu bheil dragh air daoine tha seirbheisean èiginn, eaconamaidh, agus còmhdhail chloinn-sgoile na sgìre, a tha a' dol gu Àrd-sgoil a' Phluic.

Tha am bàt-aiseig ro bheag airson carbad-smàlaidh a ghiùlain, rud a tha a' fàgail gum feumadh carbad-smàlaidh tighinn às Inbhir Pheofharain, seach on Chaol, nam biodh suidheachadh èiginneach ann tuath air Loch Carran.

Chaidh caochladh mholaidhean a chur air adhart aig a' choinneimh airson an ceangal rathaid a chur air ais, eadar drochaid agus cabhsair.

Tha moladh eile ann san eadar-ama, gun deadh rathad de mhaidean-rèile a chur air an loidhne rèile, le beàrnan ann airson trèanaichean.

Dheadh an rathad sin a dhùnadh nuair a thigeadh trèana, agus bhiodh siostam aon-slighe ag obrachadh, taobh mu seach, airson càraichean agus làraidhean a leigeil seachad aig amannan eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile