An siostam poilitigeach - còraichean agus dleastanasan

Tha Cùmhnant Neo-eisimeileachd Ameireaga ag ràdh gu bheil 'còraichean neo-atharrachail' aig muinntir Ameireaga agus gum feum gach meur dhen riaghaltas spèis a thoirt dhaibh agus an dìon.

Tha e ag ràdh, "We hold these truths to be self-evident, that all men are created equal, that they are endowed by their Creator with certain inalienable rights, that among these are life, liberty and the pursuit of happiness".

'S e obair an riaghaltais gach saorsa a th' aig na h-Ameireaganaich, dìreach air sgàth 's iad a bhith beò, a dhìon.

A' Bhun-reachd

Tha còraichean sònraichte aig saoranaich Ameireaga agus tha iad sin air an comharrachadh sa bhun-reachd.

Tha na còraichean sin gu lèir sgrìobhte ann am Bun-reachd nan SA, a' Bhun-reachd sgrìobhte as sine air an t-saoghal.

  • 'S e an lagh as àirde san dùthaich, agus tha a h-uile saoranach fon lagh sin.
  • Tha e a' stèidheachadh ùghdarras an riaghaltas Fheadarail.
  • Tha e a' toirt barantas do chòraichean bunaiteach nan saoranaich.
  • Tha e a' suidheachadh modhan-obrach bunaiteach an riaghaltais.

Tha an sgrìobhadh seo na bhunait do mhòran cho-dhùnaidhean laghail, reachdan, gnìomhan a' chinn-suidhe agus cleachdaidhean traidiseanta a th' air a bhith ann bho chionn 200 bliadhna. Chaidh 27 atharrachadh a dhèanamh ris a' bhun-reachd.

Ìomhaigh a’ sealltainn na diofar roinnean ann am Bun-reachd nan SA