Cunnartan àrainneachdail

Dè th' ann an cunnart nàdarra?

Nuair a dh'fhaodadh rudeigin tachairt gu nàdarra ann an sgìre àraidh, glè thric gun rabhadh sam bith, ma bheir e droch bhuaidh air na daoine agus air an dealbh-tìre, canar gur e cunnart nàdarra a th' ann. Tha stoirmean tropaigeach, crithean-talmhainn agus bholcànothan nan eisimpleirean de chunnartan nàdarra.

Chaidh mu 250,000 neach a mharbhadh ann an 2010 mar thoradh air cunnartan nàdarra.