Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Plana Nàiseanta 2012-2017

Niall O’Gallagher | 2012-06-28, 16:49

Thàinig Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gu Bunsgoil Stenhouse ann an Dùn Èideann an-diugh airson Plana Nàiseanta Cànain Gàidhlig fhoillseachadh airson nam bliadhnaichean 2012 gu 2017.

Cha tèid mi tro gach puing dhe, ach gabhaidh a leughadh uile an seo.

A-rithist, tha e a' cur cuideam air foghlam.

Tha Bòrd na Gàidhlig airson an àireamh de sgoilearan a thòiseachas foghlam Gàidhlig gach bliadhna a dhùblachadh gu 800.

Cuideachd, tha iad airson 's gum bi 3000 inbheach a' togail na Gàidhlig - suas bho mu 2000 an-dràsta.

A bharrachd air a sin, tha am plana ag ràdh gum bu chòir barrachd sheirbhisean a thoirt seachad anns a' Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil co-dhiù 20% dhen t-sluagh ga bruidhinn.

Crìonadh

Tha Riaghaltas na h-Alba airson stad a chur air crìonadh luchd-labhairt na Gàidhlig ro 2021.

An-diugh, thuirt cathraiche a' Bhuird, Ealasaid Nic an t-Saoir gun robh an dà chuid 'spàirn' agus 'stòras' a dhìth.

Dh'fhaighnich mi do mhinistear na Gàidhlig, Alasdair Allan, cò às a thigeadh an t-airgead sin aig àm nuair a bha uallach mòr air an sporan phoblach.

Gabhaidh èisteachd ris an agallamh air fad an seo.

Ach am bi seo gu leòr?

'S e ur beachd fhèin an rud as cudromaiche.

PS.

'S e seo an là mu dheireadh aig a' Phàrlamaid airson an t-samhraidh.

Bidh am blog seo a' gabhail fois cuideachd - deagh shaor-làithean dhuibh uile.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.