Ciamar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?
Tha caistealan na h-Alba air a bhith nan seasamh fad cheudan bhliadhnaichean. Tha iad air cogaidhean, teintean agus droch shìde gu leòr fhaicinn.
Chan fheum sinn caistealan an-diugh anns am bi sinn sàbhailte, ach bidh sinn gan cleachdadh ann an dòighean eile.
Carson a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?

Tàladh do luchd-turais agus taighean-tasgaidh
An-diugh tha mòran de chaistealan na h-Alba fosgailte dhan t-sluagh mar thàladh do luchd-turais no mar thaighean-tasgaidh. Tha Caisteal Dhail Fhoghlasaidh ann am Peairt na thaigh-tasgaidh a tha ag innse eachdraidh na Freiceadan Dubha bho 1725.

Consairtean agus tachartasan sònraichte
Uaireannan bidh caistealan ann an Alba air an cleachdadh airson chonsairtean agus tachartasan sònraichte. Gu sònraichte, tha Caisteal Dhùn Èideann air a chleachdadh airson Tatù Rìoghail Dhùn Èideann.

Dachaighean
Tha caistealan air a bhith nan dachaighean aig teaghlaichean rìoghail agus cinnidhean Albannach o chionn cheudan bhliadhnaichean. An-diugh, buinidh fhathast cuid dhe na caistealan dha na teaghlaichean sin. A bharrachd air a bhith a' tàladh luchd-turais, 's e Caisteal Inbhir Aora an dachaigh aig Diùc Earra-Ghàidheal agus a theaghlach.

Taighean-òsta
Tha mòran chaistealan ann an Alba a-nis nan taighean-òsta far am faigh daoine beagan fois no fiù 's pòsadh. Tha Caisteal Glenapp ann am Baile na Tràgha na eisimpleir de chaisteal Albannach ann an stoidhle baranach a tha a-nis na thaigh-òsta.
Cò ris a tha caistealan coltach an-diugh?

Tha mòran chaistealan nan tobhtaichean
Cha do sheas a h-uile caisteal ge-tà ri cogadh, ionnsaighean agus droch shìde. Tha caistealan mar Caisteal Chill Rìmhinn ann am Fiobha air a dhol na thobhta. Ach gheibh sinn fhathast tòrr a-mach mun togalach a bh' ann bho thùs bho na tha air fhàgail.

Chaidh cuid a chaistealan a leagail agus a thogail às ùr
Chaidh mòran de chaistealan na h-Alba ath-thogail agus chan eil sìon a choltas aca ris na togalaich a bh' ann bho thùs. Leag a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert an caisteal a bh' ann am Baile Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain bho thùs. Bha an caisteal ùr a thog iad, a tha san dealbh, gu math na bu mhotha agus na bu leòmaiche.

Chaidh cuid a chaistealan a leasachadh ann an dòighean annasach
Chaidh Caisteal Kelburn ann an Siorrachd Àir a thogail bho thùs anns na 1200an, ach chaidh a leagail, ath-thogail agus ath-leasachadh thar cheudan bhliadhnaichean. Ann an 2007, chaidh Kelburn a chòmhdach le graffiti dathach mar phàirt de phròiseact ealain.