Dè th' ann an sgòth?

Chì sinn sgòthan a h-uile latha agus tha iomadh seòrsa ann. Nach faigh sinn a-mach mun deidhinn.

Faclan feumail

cirrus - sgòthan tana, stireach coltach ri itean, a bhios mu 6,000m shuas san adhar.

cumulus - sgòthan coltach ri clòimh-chotain no clòimh-mhilis. 'S àbhaist dhaibh a bhith eadar 300 is 2,000 meatair shuas san adhar.

stratus - sgòthan a tha glè thric còmhnard agus nach bi a' gluasad. Air latha dorcha, gruamach bidh iad a' sgaoileadh tarsainn an adhair coltach ri plaide.

nimbus - bidh sinn a' cur an fhacail 'nimbus' ri ainmean sgòthan airson cunntas a thoirt orra nuair a tha uisge no sneachd a' sileadh asta. Mar eisimpleir, 's e sgòth thàirneanaich dhorcha le uisge a' sileadh aiste a th' ann an cumulonimbus.

Dè th' ann an sgòth?

  1. Nuair a tha thu pìos bhuapa, 's dòcha gu bheil coltas clòimh-chotain air sgòthan ach 's e uisge a th' annta.

  2. Bidh sgòthan air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas an èadhar. Bidh seo ag atharrachadh gas nach fhaic sinn san èadhar ris an canar deatach uisge gu bhith na bhoinneagan uisge, no fiù 's chriostalan deighe beaga, bìodach. Canar co-dhlùthachadh ris an atharrachadh seo.

  3. Tha na boinneagan uisge mòr gu leòr airson an solas a ghlacadh agus mar sin chì sinn iad, ach tha iad cho beag 's cho aotrom 's gum bi iad dìreach crochte san adhar gun tuiteam idir.

  4. Bidh na boinneagan uisge gu lèir a' tighinn còmhla agus a' dèanamh sgòthan.

Diofar sheòrsachan sgòthan

Sgòthan ann an adhar gorm

Tha sgòthan ann de gach meud is cruth – bheir sinn sùil air cuid dhen fheadhainn as cumanta.

An robh fios agad gu bheil iomadh seòrsa sgòth ann?

1 of 6