Dè th' ann an uisge?

Bidh an t-uisge againn glè thric ann an Alba, ach dè th' ann an uisge agus cò às a tha e a' tighinn?

Faclan feumail

  • co-dhlùthaich – nuair a thèid uisge bho bhith na ghas gu bhith na lionn.

  • fàsach – àite nach eil a' faighinn uisge no glè bheag.

  • eòlaiche-sìde - neach-saidheans a bhios a' sgrùdadh sìde agus gnàth-shìde.

  • uisge – sileadh uisge a bhios a' tuiteam às an adhar.

  • gèidse uisge – inneal a bhios a' tomhas uisge.

  • sileadh – uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh.

  • deatach uisge – uisge nuair a tha e na ghas nach fhaic sinn.

Cò às a tha uisge a' tighinn?

  1. Tha an èadhar làn deatach uisge (gas neo-fhaicsinneach).
  2. Nuair a bhios èadhar a' fuarachadh, bidh deatach uisge a' co-dhlùthachadh bho bhith na ghas gu bhith na lionn agus bidh e a' dèanamh bhoinneagan beaga uisge.
  3. Bidh boinneagan uisge a' dol còmhla agus a' dèanamh sgòthan.
  4. Bidh na boinneagan uisge a' fàs nas motha agus nas motha. Cha chùm an èadhar suas iad dad nas fhaide.
  5. Bidh na boinneagan uisge a' tuiteam gu talamh mar uisge.

Tha uisge às an adhar na phàirt de chuairt an uisge.

Uisge air feadh an t-saoghail

Gèidse uisge

'S e inneal a th' ann an gèidse uisge a bhios a' tomhas dè na tha de shileadh uisge ann.

1 of 5

Feuch fhèin ri gèidse uisge a dhèanamh no sgrìobh dàn mu uisge.