Ciamar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air beatha làitheil?

Faodaidh sìde theth buaidh a thoirt air ar beatha ann an iomadh dòigh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig sìde theth
  • Nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson a bhith fionnar agus sàbhailte ann an sìde bhlàth
  • Mar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air lusan agus beathaichean

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.

Ciamar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air ar beatha?

  • Tha sìde bhlàth a' ciallachadh gum bi sinn mar as trice a' cur seachad barrachd ùine a-muigh: a' cluich, a' saidhcleadh, a' dèanamh picnic no barbecue.
  • Nuair a tha i blàth, bidh sinn ag iarraidh dheochan le deigh agus biadh nas fhuaire, mar saileadan no reòiteag. Bidh iad sin a' cuideachadh le teòthachd ar bodhaig a chumail fionnar agus uisge gu leòr a chumail nar bodhaig bhon a bhios sinn a' cur dhinn barrachd fallais nuair a tha sìde theth ann.
  • Nuair a bhios fallas , bidh e a' tarraing teas air falbh bho ar craiceann agus a' cumail ar bodhaig fionnar. Nuair a tha i teth, faodaidh daoine suas ri 5 liotairean fallais a chall ann an latha! 'S ann mar sin a tha e cho cudromach a bhith ag òl tòrr uisge ann an sìde theth. Faigh a-mach barrachd: Ciamar a bhios daoine a' cumail smachd air teòthachd?
  • Ma tha i ro theth, faodaidh e a bhith doirbh d' aire a chumail air rudan sa chlas no cadal air an oidhche.
  • Aig an taigh, chan fheum an teas a bhith air agad, agus 's dòcha gum bi na h-uinneagan fosgailte airson èadhar nas fhionnaire a leigeil a-steach.
Caraidean a' gabhail picnic aig beinge air làrach-campachaidh

A' cur seachad barrachd ùine a-muigh

'S àbhaist dhuinn a bhith a' cur seachad barrachd ùine a-muigh nuair a tha i blàth – can a' gabhail picnic! (Scottish Viewpoint / Alamy Stock Photo

1 of 4

Ciamar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn?

  • Ma tha an teòthachd uabhasach àrd, faodaidh uachdaran rathaidean leaghadh agus faodaidh loidhnichean rèile lùbadh.
  • Tòisichidh cuid de lusan, mar lus tomàto, air seacadh, ma bhios an teòthachd ro àrd.
  • Tha e doirbh air cuid de bheathaichean ma dh'fhàsas i ro theth. Feumaidh sinn barrachd aire a thoirt do na peataichean againn nuair a tha sìde theth ann. Feumaidh sinn a bhith cinnteach gum faigh iad fasgadh agus gu bheil uisge gu leòr aca ri òl.
  • 'S caomh le cuid de bheathaichean an teas gu mòr. 'S fheàrr le , mar nathraichean agus snàgairean eile, sìde theth chionn feumaidh iad teas na grèine airson a bhith blàth.
  • Bidh measan tropaigeach, mar mangothan agus bananathan, a' fàs nas fheàrr far a bheil gnàth-shìde theth, bhruthainneach. Sin an t-adhbhar gur e steach-bhathar à àitichean fada air falbh, mar Ameireaga a Deas, far a bheil i gu matha nas blàithe, as àbhaist a bhith anns na measan sin.
Uachdar rathaidean a' leaghadh

Uachdar rathaidean a' leaghadh

Faodaidh uachdar rathaidean leaghan nuair a tha an teòthchd uabhasach àrd. (JamesJagger / StockimoNews / Alamy Stock Photo)

1 of 5

Feuch dè na tha fios agad mu shìde theth leis na ceistean seo.

  • uisgeachadh - A' cur uisge ri rudeigin. Nuair a tha i blàth, dh'fhaodamaid tiormachadh agus tha e mar sin cudromach gun òl sinn uisge gu leòr.
  • seacadh - Nuair a dh'fhàsas lus lag.
  • beathaichean fuar-fhuileach - Beathaichean a tha an urra ri teas na grèine airson a bhith blàth. Tha a h-uile snàgaire, mar nathraichean agus laghairtean, fuar-fhuileach agus mar sin 's àbhaist dhaibh a bhith a' fuireach ann an àitichean le aimsir nas blàithe. Canar confoirmearan cuideachd ri beathaichean fuar-fhuileach.
  • tropaigeach - Sìde theth, bhruthainneach. Bidh measan tropaigeach, mar mangothan agus bananathan, a' fàs nas fheàrr ann an sìde bhlàth.

Cruthaich faidhle fiosrachaidh mu bheathach no lus a bhios a' dèanamh gu math ann an sìde theth.

Sa bhidio aig bàrr na duilleig, fhuair sinn a-mach gun àbhaist beathaichean fuar-fhuileach, mar nathraichean agus laghairten, a bhith a' fuireach ann an dùthchannan nas teotha, agus gum bi measan tropaigeach, mar mangothan, a' fàs nas fheàrr far a bheil a' ghnàth-shìde nas blàithe.

Dèan rannsachadh air beathach no lus a tha a' fuireach ann an àite uabhasach teth. Sgrìobh aithisg ghoirid agus mìnich dhan leughadair carson a tha iad a' fuireach agus a' dèanamh nas fheàrr ann an àitichean le teòthachdan nas àirde.

Ma dh'fheumas tu tuilleadh cuideachaidh a' sgrìobhadh an fhaidhle fiosrachaidh, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg

Seo artaigilean a chuidicheas tu leis an rannsachadh agad:

Mar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd
revision-guide
Biadh ràitheil
revision-guide
Mar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig
revision-guide