Biadh ràitheil

Tha cuid a bhiadhan a' fàs nas fheàrr aig diofar amannan dhen bhliadhna. Sin biadh ràitheil.

Dè th' ann am biadh ràitheil?

'S e an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh ceithir ràithean na bliadhna. Tha ràithean gan cruthachadh leis an diofar uimhir de sholas na grèine a bhios ann fhad 's a tha an Talamh a' cuairteachadh na Grèine. Canar gnàth-shìde ris an t-seòrsa sìde a th' ann an dùthaich. 'S i a' ghnàth-shìde a tha a' riaghladh dè na biadhan as urrainn fàs agus cuin.

'S e biadhan ràitheil lusan agus measan a tha abaich agus deiseil ann an ràith shònraichte. Chan fhàs iad idir nuair a dh’atharraicheas an t-sìde.

A bheil a h-uile biadh ràitheil?

Chan e biadh ràitheil a tha sa chuid as motha de bhiadh a thig bho bheathaichean, agus faodar an ithe fad na bliadhna, mar eisimpleir a' mhòr-chuid de bhathar bainne.

Biadh ràitheil

Cuibheall le na ràithean sgrìobhte air agus dealbhan de bhiadh ràitheil

Teicneòlas

O chionn fhada, cha b' urrainn dhuinn biadh ithe nach robh san ràith aige.

Tha teicneòlas ùr a' ciallachadh gum faigh sinn a-nis iomadh seòrsa biadh ùr fad na bliadhna. Tha am biadh seo air àrach (planntraisean gam fàs air sgèile mhòr airson an reic) agus air a ghiùlan air feadh an t-saoghail.

  • Teicneòlas taigh-glainne – togalach air a dhèanamh de ghlainne. Thèid aig tuathanaich air smachd a chumail air an teòthachd agus a h-atharrachadh airson gum bi an t-àite cho math 's a ghabhas airson fàs.
  • Polaidhtunailean – structaran fada coltach ri tunail air uachdar phlanntraisean. Tha iad air an còmhdach le plastaig airson planntraisean a dhìon bho shìde fhuar.
  • Fàsaidh biadh nach gabh fhàs an seo ann an dùthchannan le gnàth-shìde thropaigeach. Bidh e an uair sin a' tighinn dhan RA ann am plèanaichean cargu no air bàtaichean.
Leiteas a' fàs ann an taigh-glainne

Taigh-glainne

'S e togalach de ghlainne a th' ann an taigh-glainne. Thèid aig tuathanaich air smachd a chumail air an teòthachd agus a h-atharrachadh airson gum bi an t-àite cho math 's a ghabhas airson fàs.

1 of 4

Buannachdan biadh ràitheil

Tha biadh ràitheil nas saoire, nas blasta agus nas fheàrr dhan phlanaid!

Chan e an-còmhnaidh rud math a th' ann tòrr mheasan is lusan a bhith ann fad na bliadhna. Tha e nas fheàrr dhan h-uile duine a bhith ag ithe biadh ràitheil ionadail.

Mura bheil thu a' fuireach air tuathanas, agus ma tha na mòr-bhùithtean làn leis a h-uile seòrsa bìdh, tha e doirbh fios a bhith agad cuin a tha biadh na ràith fhèin. Seallaidh mìosachan biadh ràitheil dhuinn cuin a tha an ràith as fheàrr ann airson lusan 's measan.

'S ann eadar an t-Sultain agus an Gearran as fheàrr a tha buinneagan Bruisealach. Tha mar sin an ràith aca ann as t-fhoghar agus sa gheamhradh.

Tha na lusan sin làn freumhaig agus tha iad blasta san ràith aca fhèin. Ma cheannaicheas tu iad gu h-ionadail agus san ràith aca fhèin, bidh thu a' cuideachadh na planaid. Chan fheumadh iad teas no còmhdhail thar astar fada a dh'fhaodadh eimiseanan ghasaichean a leigeil mu sgaoil nach eil math dhan àrainneachd.

Buaidh air an àrainneachd

Tha gasaichean cronail mar carbon dà-ogsaid (CO2) gan cruthachadh nuair a tha feum air lùth airson solas agus teas a bharrachd gus am fàs measan agus lusan air sgèile mhòr. Tha na gasaichean sin air an cruthachadh cuideachd nuair a tha biadh air a ghiùlan air feadh an t-saoghail.

'S ann eadar an t-Sultain agus an Gearran as fheàrr a tha buinneagan Bruisealach. Tha mar sin an ràith aca ann as t-fhoghar agus sa gheamhradh.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach nas aithne dhut mu bhiadh ràitheil.

Dùbhlan

Dèan mìosachan biadh ràitheil. Sgrìobh mìosan na bliadhna. Dèan dealbh de bhiadh fallain ràitheil airson na mìos sin.

There's more to learn...