Ciamar a bhios mi a' clàradh agus a' taisbeanadh dàta?

Tha Fin, Snoot agus Plimble a' cleachdadh clàr-shràcan, graf-cholbhan agus clàr-cearcaill airson mìoban a chunntadh

Ciamar a chunntas agus a thaisbeanas mi dàta?

Tha sràcan luath airson clàradh nuair a tha thu a' cunntadh:

  • tarraing loidhne coltach ri 1 airson gach àireamh a tha thu airson a chunntadh
  • nuair a thig thu gu 5, tarraing loidhne thrastanach tarsainn a' chiad ceithir loidhneachan
  • nuair a bhios tu deiseil, bidh e nas fhasa na sràcan a chunntadh ann am buidhnean de 5

Ciamar a sheallas mi dè chunnt mi?

Seallaidh clàr:

  • an rud a chunnt thu air an taobh chlì
  • cia mheud air an taobh dheas mar àireamh

Seallaidh graf-cholbhan:

  • an rud a chunnt thu a-null am bonn agus àireamhan suas an taobh clì
  • bidh àireamh gach rud air a shealltainn le colbh
  • bidh àirde gach colbh a' sealltainn cia mheud a th' ann de gach rud

Bidh clàr-cearcaill a' sealltainn àireamh iomlan ann an cearcall:

  • bidh an cearcall air a roinn ann an diofar earrannan airson diofar rudan
  • mar as motha an earrann 's ann as motha an àireamh de rudan