A' chiad chaistealan ann an Alba

Thug Rìgh Daibhidh I òrdan a' chiad chaistealan a thogail ann an Alba. Faigh a-mach carson agus ciamar a thog e na caistealan sin sa bhidio.

Dè th' ann an caisteal motte agus bailey?

B' e caistealan motte agus bailey a' chiad stoidhle caisteal a bh' ann.

Bhiodh an daingneach air a thogail le fiodh no clach air mullach tuim ris an cante am motte.

B’ e am bailey an t-àite san robh na daoine a bhiodh a' ruith an caisteal ag obair. Bha e air a chuairteachadh le feansa airson a dhìon.

Bhiodh am motte agus bailey uaireannan air an cuairteachadh le dìg airson dìon a bharrachd.

Caisteal Dhuthais

Caisteal Dhuthais ann an Eilginn
Tha Caisteal Dhuthais ann am Moireibh na eisimpleir de chaisteal motte agus bailey ann an Alba.

Cliog air an dealbh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu chaistealan motte agus bailey.

Loidhne-tìm
Rugadh Rìgh Daibhidh I na h-Alba o chionn còrr is 900 bliadhna agus bha e a' riaghladh ann an Alba faisg air 30 bliadhna.

Cò bh' ann an Rìgh Daibhidh I?

  • Rugadh e mu 1084 – o chionn còrr is 900 bliadhna!
  • B' e am mac a b' òige aig Rìgh Calum III agus Mairead (an Naomh Mairead).
  • Rìgh na h-Alba 1124 gu 1153.
  • Thug e an t-òrdan airson a' chiad chaistealan ann an Alba a thogail.
  • Thog e tòrr eaglaisean air feadh na dùthcha.
  • Rinn e a' chiad bhuinn rìoghail Albannach – buinn airgid le aodann fhèin orra.

Cò bh' anns na Nòrmanaich?

  • Frangaich a thug ionnsaigh air Sasainn ann an 1066.
  • Thog iad caistealan motte agus bailey ann an Sasainn airson na ridirean agus na saighdearan aca a chumail sàbhailte.
  • Bha Rìgh Daibhidh I a' fuireach ann an Sasainn nuair a bha na Nòrmanaich a' riaghladh.
  • Chòrd e ri Daibhidh mar a bha na Nòrmanaich a' riaghladh agus a' cur dhaoine ann an òdugh.
  • Nuair a thàinig Daibhidh gu bhith na Righ air Alba, dh'iarr e air na ridirean Nòrmanach tighinn a dh'Alba airson a dhìon agus chuir e air dòigh gun togadh iad caistealan sa h-uile h-àite.
Brat-grèise Bayeux
Brat-grèise Bayeux a' sealltainn nan turasan mìorbhaileach aig Uilleam Ceannsaiche agus na Ridirean Nòrmanach nuair a thug e ionnsaigh air Sasainn ann an 1066.
Loidhne orains

Dè a-nis?

Dè bh' ann ro chaistealan?
list
Dè th' ann am borgh rìoghail?
video
Ciamar a thòisich caistealan?