A' Bhanrigh Bhictoria agus Caisteal Bhaile Mhoireil

Cha deach a h-uile caisteal a chì sinn an-diugh a thogail airson cogadh agus sabaid. Chaidh Caisteal Bhaile Mhoireil a thogail anns na 1800an dhan Bhanrigh Bhictoria agus dhan Phrionnsa Albert mar dhachaigh airson nan saor-làithean. Faigh a-mach barrachd sa bhidio.

Faigh a-mach carson a cheannaich a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert caisteal ann an Alba.

Cò bha sa Bhanrigh Bhictoria?

  • Rugadh Bhictoria air 24 Cèitean 1819
  • B' e Alexandrina Victoria an t-ainm slàn a bh' oirre
  • Thàinig i gu bhith na Banrigh air Rìoghachd Aonaichte Bhreatainn agus Èirinn ann an 1837 – cha robh i ach 18!
  • Phòs i a co-ogha, am Prionnsa Albert, ann an 1840
  • Bha naoinear chloinne aca
  • Fhuair i cuideachd an tiotal Ban-ìmpire nan Innseachan ann an 1877
  • Chaochail Bhictoria ann an 1901 an dèidh a bhith na banrigh fad 64 bliadhnaichean

Caisteal Bhaile Mhoireil

Dealbh de Caisteal Bhaile Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain

Càit a bheil Caisteal Bhaile Mhoireil?

  • Tha Caisteal Bhaile Mhoireil ri taobh Abhainn Dheathain, ann an Siorrachd Obar Dheathain.
  • Thagh Bhictoria agus Albert Taobh Dheathain oir chaidh a ràdh riutha gun robh an aimsir na b' fheàrr na bha i ann am pàirtean eile de dh'Alba.

Cuin a chaidh a thogail?

  • Chaidh Caisteal Bhaile Mhoireil a thogail bho thùs mar loidse-seilg mu 1390 le Rìgh Raibeart II na h-Alba.
  • Bha Bhictoria agus Albert dhen bheachd gun robh an caisteal sin ro bheag dhaibh.
  • Chaidh an taigh ùr, mar as aithne dhuinn e an-diugh, a thogail eadar 1853 agus 1855.

Seann Chaisteal Bhaile Mhoireil

Sgeidse de sheann Chaisteal Bhaile Mhoireil
Tha an sgeidse a' sealltainn mar a bha Caisteal Bhaile Mhoireil mus do thog a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert an caisteal acasan.

Dè bhiodh a' Bhanrigh Bhictoria a' dèanamh aig Caisteal Bhaile Mhoireil?

Aig Caisteal Bhaile Mhoireil bu toigh leis a' Bhanrigh Bhictoria a bhith:

  • a' dol air chuairt a dh'fhaicinn nan seallaidhean
  • a' sgrìobhadh san leabhar-latha aice
  • a' peantadh no a' sgeidseadh
  • a' sealg

Tha an earrann seo a sgrìobh a' Bhanrigh Bhictoria san leabhar-latha aice ann an 1850 ag innse beagan mun ùine a chuir iad seachad ann am Baile Mhoireil – fiù 's mun droch shìde!

Dimàirt 24mh Sultain 1850, Caisteal Bhaile Mhoireil

Frasach sa mhadainn, cha d' fhuair sinn air coiseachd ro fhada. Tha a h-uile sìon cho tlachdmhor an seo — a h-uile cuairt bheag cho inntinneach; na seallaidhean — na daoine còir gun phròis — a thuilleadh air ùidh mhòr ann an spòrs, co-dhiù 's e eòin, no fèidh no èildean.

Nach fheuch thu fhèin ri earrann a sgrìobhadh airson leabhar-latha?

Smaoinich air dè dhèanadh tu nam biodh tu air saor-làithean ann an caisteal no ann an lùchairt.

Sgeidse a' Bhanrigh Bhictoria de Caisteal ùr Bhaile Mhoireil, 1852
Bu toigh leis a' Bhanrigh Bhictoria a bhith a' sgeidseadh agus a' peantadh. Rinn i an sgeidse seo de Caisteal Bhaile Mhoireil ann an 1852.

Ciamar a dh'atharraich a' Bhanrigh Bhictoria caistealan na h-Alba?

B' e a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert a' chiad fheadhainn a rinn Alba agus na caistealan tarraingeach do luchd-turais.

An dèidh dhaibh Caisteal Bhaile Mhoireil a cheannach agus a bhith a' fuireach ann, thòisich barrachd dhaoine a' tighinn a dh'Alba agus bha iad ag iarraidh tighinn ann airson nan saor-làithean.

An-diugh, bidh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail a' tadhal air caistealan ann an Alba. Tha cuid dhe na caistealan a-nis nan taighean-òsta. Mar sin faodaidh daoine fuireach ann an caisteal airson nan saor-làithean dìreach mar a rinn a' Bhanrigh Bhictoria.

Faigh barrachd a-mach mu dheidhinn mar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh.

Loidhne orains

Dè a-nis?

Dè an diofar a tha eadar lùchairtean agus caistealan?
list
Ciamar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?
list
Dè thachair do chaistealan?